Clobhsa Mhargaidh an Fheòla
by Ceitidh Chaimbeul
’S e a’ chiad shealladh a tha gad fhàilteachadh,
gad phurradh bho mhòrachd Scott
gu saoghal cruas Rankin –
am baile mòr ag iarraidh a phunnd feòla.
Ceum do chaiseige currach
taigh leth-an-rathaid air a ceàrr-ainmeachadh,
air mheudachadh le brògan nach tig dhut,
lìth shliseigean a mhaireas bho dhà uair na maidne.
Stangan tanalach de dh’fhual-leann saor
bho gach puthailt dhallanach,
fallas a’ cothlamadh le fuil nan linntean
ri sìor-shilteachd sìos gu claon.
Gàire a’ taomadh à Deòrdaidh diongach,
a’ cur fanaid nuallaich air do sreap
le anail cho trom ris na th’ aig luchd gun sgairt,
’s tu cinnteach à droch-threòir do chàis.
Àilleagan na Gàdhlig | |
---|---|
Celebrating Emergent Female and Transfeminine Voices in Gaelic Poetry | |
Againne | Poem by Victoria NicÌomhair |
Air a’ Chladach | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
An Rìgh-chathair a tha nam Chridhe | Poem by Mia Suhaimi |
Balaich | Poem by Victoria NicÌomhair |
Bhithinn air Dol gu Eilean a’ Cheò | Poem by Mia Suhaimi |
Clobhsa Mhargaidh an Fheòla | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Dùrachdan san Dorchadas | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Fras-fhuilt | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Leabharlann | Poem by Victoria NicÌomhair |
Leug Àlainn, Leug Gaoil | Poem by Mia Suhaimi |
Mo Ghaol air Mullach Clach na Mara | Poem by Mia Suhaimi |
Trom | Poem by Victoria NicÌomhair |