Air a’ Chladach
by Ceitidh Chaimbeul
1921
Às dèidh rotach Bhealltainn
làgarsaid a’ fàgail smòt ann an rabhainn grinn.
Dithis a’ cruthachadh mhaoisean ann an craidhlean-droma
agus sluaisreadh cunbhalach nan cluasan,
ri sireadh a-measg na sgùillich.
Toradh-tuinn a’ fàs bàrr-bìdh na croite.
Crom, a’ togail probach, tha iad ag obair gualainn ri gualainn
irisean rin teannachadh trom.
An-diugh
Corragan a’ smeangladh criomagan
sa ghainmhich ’s a’ ghaoth ga greasadh.
Cuachag a’ cruthachadh sligean
gun adhbhar ach brèaghachadh.
Air uideal mar an drìlleach
a dh’fhalmaich iad.
Gach maighdeag air sgrùdadh
feuch am faighear an cruth is dath ceart.
Àilleagan na Gàdhlig | |
---|---|
Celebrating Emergent Female and Transfeminine Voices in Gaelic Poetry | |
Againne | Poem by Victoria NicÌomhair |
Air a’ Chladach | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
An Rìgh-chathair a tha nam Chridhe | Poem by Mia Suhaimi |
Balaich | Poem by Victoria NicÌomhair |
Bhithinn air Dol gu Eilean a’ Cheò | Poem by Mia Suhaimi |
Clobhsa Mhargaidh an Fheòla | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Dùrachdan san Dorchadas | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Fras-fhuilt | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Leabharlann | Poem by Victoria NicÌomhair |
Leug Àlainn, Leug Gaoil | Poem by Mia Suhaimi |
Mo Ghaol air Mullach Clach na Mara | Poem by Mia Suhaimi |
Trom | Poem by Victoria NicÌomhair |