Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Bhithinn air Dol gu Eilean a’ Cheò

by Mia Suhaimi

Tha mo chridhe ag ionndrainn àiteigin
far nach robh e riamh air àite fhaighinn fhathast.
An d’fhuair thu cianalas riamh do dh’àite
far nach robh thu riamh ann?

Ach fhathast is ann nad làmhan còir’
a bhios mi a’ lorg mo dhachaighe fìor.
Gach oidhche, ’s miann leam bruadar ort
oir ’s toil leam d’ fhaicinn nam chadal gu mòr

Bhithinn air dol gu Eilean a’ Cheò,
bhithinn a dh’ionnsaigh nam beanntan air fad,
nighinn mo làmhan am bùrn nan loch
ach cha trèig mi fhìn do ghàire chòir.

Mus falbh mi bhod thaobh feumaidh mi ràdh
faclan sàmhach a dh’innseas mo ghaol.
Thig dèireadh an t-saoghail, ach gheibhinn fhathast
sonas nad achlais an còmhnaidh gu bràth.

’S ann eadar dà dhùthaich a tha mi an-dràst’.
’S mulad mo chridhe a’ smaoinntinn orra.
’S ann air do shon-sa a dh’fhuirich mi an seo,
ach feumaidh mi mo a leigeil fhìn às.


Àilleagan na Gàdhlig

Celebrating Emergent Female and Transfeminine Voices in Gaelic Poetry

AgainnePoem by Victoria NicÌomhair
Air a’ ChladachPoem by Ceitidh Chaimbeul
An Rìgh-chathair a tha nam ChridhePoem by Mia Suhaimi
BalaichPoem by Victoria NicÌomhair
Bhithinn air Dol gu Eilean a’ CheòPoem by Mia Suhaimi
Clobhsa Mhargaidh an FheòlaPoem by Ceitidh Chaimbeul
Dùrachdan san DorchadasPoem by Ceitidh Chaimbeul
Fras-fhuiltPoem by Ceitidh Chaimbeul
LeabharlannPoem by Victoria NicÌomhair
Leug Àlainn, Leug GaoilPoem by Mia Suhaimi
Mo Ghaol air Mullach Clach na MaraPoem by Mia Suhaimi
TromPoem by Victoria NicÌomhair

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media