An Rìgh-chathair a tha nam Chridhe
by Mia Suhaimi
Tha rìgh-chathair nam chridhe,
is ’s ann leatsa a tha i.
Nach tuirt mi gur h-e
mo ghaol a th’ ort mar-thà?
Ach, seall air a’ ghealaich,
nach eil i cho buidhe
nuair nach eil mi
faisg air mo ghràidh?
Bha dà phiseig sa choille,
a’ dol suas ri chèile.
Nach tàinig an tè
ris an tèile cho math?
O b’ fheàrr leam a bhith
nam chat còmhla riutsa,
is b’ fheàrr leam a bhith
nad chaidreabh gach là.
Seall a’ ghrian a’ dol fodha,
is seall os do chionn.
Tha tòrr dhathan air
an iarmailt an-dràst’.
Cho brèagha ’s a tha i,
is cho cofhurtail i dhomhsa
nuair a bhitheas mi
ag ionndrainn do bhlàiths.
Àilleagan na Gàdhlig | |
---|---|
Celebrating Emergent Female and Transfeminine Voices in Gaelic Poetry | |
Againne | Poem by Victoria NicÌomhair |
Air a’ Chladach | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
An Rìgh-chathair a tha nam Chridhe | Poem by Mia Suhaimi |
Balaich | Poem by Victoria NicÌomhair |
Bhithinn air Dol gu Eilean a’ Cheò | Poem by Mia Suhaimi |
Clobhsa Mhargaidh an Fheòla | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Dùrachdan san Dorchadas | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Fras-fhuilt | Poem by Ceitidh Chaimbeul |
Leabharlann | Poem by Victoria NicÌomhair |
Leug Àlainn, Leug Gaoil | Poem by Mia Suhaimi |
Mo Ghaol air Mullach Clach na Mara | Poem by Mia Suhaimi |
Trom | Poem by Victoria NicÌomhair |