Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cor gu Còraichean

by Màiri NicGumaraid

Latha Luain
An oidhche raoir soilleir a-rithist o sholas gealaich
Oidhche Shàbainn
Agus a-rithist bròn binn reòite-cam ri cuimhne
Oir ’s sibh bha luath ri buain faireachdainn
Gus gaol màthar thoirt a theagamh
Nur diadhaidheachd
’S nur luaidheachd lùbach oideachaidh

Am b’ ann a-mhàin o bhur n-aire soisgeil
A thaghadh sibh bratach-bhriathran fhreagarrach
’S am bu bhinne bhur binn shòlasach
Nuair theireadh eascaraid ur creideamh rium
Le gàire “A bheil athair ann?”
Esan cho àrd na easaontachd
Ma b’ fhìor?

Là Luain ann “’Ic Thòmais”
Nach iomadh dhiubh a th’ agaibhse
Oidhche ùrnaigh
Guidheamaid maitheanas o bhur breitheanas
Agus seasmhachd gràdh Dhè gu mo dhìon
O ur fuadachd
 ’S na dh’fhaodadh a bhith maille rium

An d’ fhuair dha-rìribh sibh cead Dhè
A sheasamh breitheach àrdmhor
Air irioslachd cridhe neach na Fhianais
’S air dìomhaireachd cùis anam’
Comas caillteach do leanabh
Gun gabhadh sibh ùghdarras oirb’ fhèin
Foghlam easbalaideachd?


Cor gu Còraichean / Condition to Rights
Condition to RightsPoem by Màiri NicGumaraid
Cor gu CòraicheanPoem by Màiri NicGumaraid

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media