Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Blas

by Iain Urchardan

“Tad gus an cluinn thu seo!” ars’ esan. “Eil fhios agad a’ Hearach ud; a bhios a’ magadh air na Leòdhasaich?”
“Cò fear dhiubh?” dh’fhaighnich ise, “Tha meur dheth annt’ uile!”
“Fear nan eisirean. Ag obair a-mach à Crosbost.”
“Ò, an damh sin!”
“Sin e: ‘Nuair a chruthaicheadh an saoghal bha e uile math – gus an do rinneadh Leòdhas!’ Agus, ‘Bidh Leòdhas snog fhathast – nuair a bhios e deiseil!’”
    “Chan eil bliam aig a’ bhufalair!” ghlamh i.
“Uel, tad ort. Dh’innis Seonaidh ’ain Rànais dhomh gun do ghabh e stròc!”
“Dè? Och... ’S e pian a th’ ann, gun cheist. Ach cha lùiginn cron dha. Robh a’ stròc dona?”
“Chaill e a neart sìos aon taobh ’s thachair rudeigin dhan chainnt ’s dha na facail aige.
“Ò, ’n truaghan.”
“’Eil cuimhn’ agad air Sarah Colwill?”
“Cò?”
“Sarah Colwill... a tè ud à Devon.”
“Aig an tuathanas-èisg?”
“Chan ann! Bhon teilidh! Cuimhnich. Is’ a ghabh an stròc ud.”
“Ò aidh. Bha sin neònach!”
“A’ tòiseachadh air Beurla a bhruidhinn le blas Sìneach ’s i cho Sasannach ri dannsa nan clag!”
“Na can rium gu bheil blas Sìneach air a chainnt-san a-nise cuideachd!” ars’ ise a’ gàireachdainn.
“Nas fheàrr buileach. Chaidh e Leòdhasach!”
“Ò thalla, a bhreugadair!” ars’ ise.
“Tha mi ’g innse dhut! ’S chan e sin a-mhàin – chaidh e Rubhach!”
“Ò, thalla leat ’s tu cho ràbhartach ri piullaidh!”
“’N fhìrinn a th’ agam,” ars’ esan. “Chan èist e ach ri Donnie Large, Costello, agus Hoddan: no ‘Hordan’ mar a chanas e fhèin a-nis. Blas trom Rubhach a thàinig air a chainnt.”
“Och nach ist thu! Tha thus’ cho dona ris fhèin.”
“Thuirt Seonnaidh ’ain Rànais riums’ gun do bhruidhinn a’ Hearach air an nighean aige – Mairead Anna, an cleasaiche ann am Bannan – ’s gun tuirt e: ‘Tha Mòrad Òrna òrn am Bòrnan’.”
“Ò, thalla!”
“Air mo mhionnan; agus: ‘B’ i turnag am peat’ a b’ fheàrr a thug mo mhàthAir ’s m’ athAir dhomh!’
“Thalla! Dùin do chab!”
“An fhìrinn a th’ agam! ’S nuair a dhòirt nurs stuth bhon troilidh aice air an làr, dh’èigh e, ‘A miadoil, na salaich an carburt! ’S dùùùin an arras, air do chùlù.’
“Sin agad karma!”
“Chan e ma-thà. Ann am Pabail, ’s e breitheanas a th’ ac’ air!”

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media