Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Iain Urchardan

Rugadh IAIN URCHARDAN ann an 1966. ’S e Hearach a th’ ann agus b’ i a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan a bh’ aige. Sa bhun-sgoil sgrìobhadh e sgeulachdan Gàidhlig a dh’aithriseadh e aig na Mòdan. Sna 1990n sgrìobh e briathran airson corra òran roc Gàidhlig. Cheumnaich Iain à Oilthigh Obar Dheathain ann an 1996. Bhon uair sin gu 2014 bha e na Mhinistear ann an Eaglais na h-Alba is rè na h-ama sin dh’eadar-theangaich e tòrr sgrìobhainnean à Beurla dhan Ghàidhlig. Thòisich e a’ dèanamh sgrìobhadh cruthachail gu cunbhalach ann an 2012. Chaidh a’ chiad chruinneachadh de sgeulachdan goirid aige, ‘Breab Breab Breab,’ a chur ann clò ann an 2017 ’s an dàrna fear, ‘Air an Oir,’ ann an 2020. Ann an 2019 choisinn e Duais Dhòmhnaill Meek airson a’ chiad chruinneachadh de bhàrdachd aige, ‘Turas.’ An-diugh tha e na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig.


Writing in Northwords Now
Issue 41 Blas

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media