air an latha seo
by Aonghas MacNeacail
air an latha seo,
faicinn gach morair is triath
(aig ìre nan earrann is bonn
a bhi teann 's a phòcaid) 's iad
a' snàmh ann an linntean suilt
is, fo 'm brògan, dromannan
lùbte a chòrr 'nan cabhsair beò
air an deachadh iad a' spailpeadh
an uaill ann an ceumannan coma,
thar sgeòil fhada nam muinntir
a chuir iomradh, dàn is òran
an eachdraidh fhèin ma sgaoil
le dòchas gun geallar saorsa -
chan iarr sinn ach ionnan, ars
iad, eadar bòrd agus beul, is
gun coisich sinn far an togair,
leis an dùil gu bheil biathadh,
chuirp agus eanchainn, gu bhi
ceart còireil dìreach, gun mhaille
romhainn 's gun iorghail - thoir
dhuinn an ionnan, thoir dhuinn
an ionnan le toil, mus gabh sinn
an ionnan dhuinn fhìn, le toil
air an latha seo/on this day | |
---|---|
air an latha seo | Poem by Aonghas MacNeacail |
on this day | Poem by Aonghas MacNeacail |