Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Tales of a Highland Minister by Iain Ramsden

Air fhoillseachadh leis an ughdar fhèin

A Review by Niall Gordon

Dh’fhaodadh an leabhar seo a bhith mar phàirt de shreath – aig duine a tha dha-rìribh na Mhinistear Gàidhealach, An t-Urramach Iain Ramsden, air a bhios mòran eòlach mar mhinistear aig Eaglais na h-Alba ann an iomadach paraiste, nam measg Cill Earnain faisg air an Eilean Dhubh.

Gu dearbh, b’ e “Ministear a’ Mhotair-bhaidhg” a phòs mi fhìn ’s mo bhean-chèile uasail mòran bhliadhnaichean air ais, agus is sinne a tha glè chleachdte ri dòighean caomha Iain.

Thathar eòlach air Iain air sgàth a chuid àbhachdais gun chron, ach cuideachd air tàillibh a dhòigh dhaonnda as gach rud a bhios e ris, agus faodaidh mise a ràdh le cinnt gu bheil a leithid seo a dh’àbhachdas ri fhaicinn gu làn san leabhar thaitneach seo. Is àbhachdas e a tha, is dòcha, a’ buntainn ri là is linn eile – tha na sgeulachdan mar chnuasachadh air a’ Ghàidhealtachd mar a bha, can, ri linn là caractairean Nèill Rothaich is Pàra Shanndaidh is dòcha. ’S e moladh a chuireas mi an cèill leis an seo. Taobh a-staigh 294 duilleagan an leabhair gheibhear eisimpleirean aotrom àlainn air neochiontas na Gàidhealtachd ’s a leithid. Ach tha pìosan eile a tha rud beag nas dàna – nam measg seann sgeulachd èibhinn mu “Coll / Call Girls”! Is sgeulachd e a ruitheas gu saor- ghlan agus sinn a’ faighinn a-mach mu bheatha fear Cailean Caimbeul, minister òg – no “meenister” – ann am paraiste ùr.

Tha Iain cuideachd air rud beag de Ghàidhlig fheuchainn san leabhar – aidichidh e fhèin gu bheil a chuid Gàidhlig caran “meirigeach”. Ach leigidh sinn às e!

Mar sin, mar chrìoch, dar leam gu bheil an leabhar beag seo mar ghaisgeachd sgoinneil an Urr. Iain Ramsden, agus is math is d’ fhiach a leughadh aig daoine dhen a h-uile h-aois, mas e ’s gun tuig iad àbhachd na Gàidhealtachd mar is còir. Bu chòir ’s gum faighear “Tales of a Highland Minister” tron ISBN air neo gu dìreach on ùghdar. Nì mi fiùghair ri tuilleadh saothrach o pheann an fhir uasail Ghàidhealaich seo.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media