Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cianalas

by Shona Nic a’ Mhaoilein

A’ ghrian ag èirigh air madainn bhrèagha chiùin
Solas a’ dòrtadh thairis air an Dùn
Uspag bheag gaoithe a’ snàigeadh tron fheòir
A’ dùsgadh nan sìthean, cho prìseil ris an òr.

Aig mullach na beinne tha ’n Dùn Mòr na shuidhe
Sa bhaile bheag againne, ’s esan an cridhe
A’ sealltainn air cùisean bhios tachairt gu h-ìseal
is fios aig’ gu bheil an t-sluagh aice prìseil.

Taigh-òsta air iomall a’ bhaile bhig
Agus cladach clachach aig cas na creig’
Daoine cho coibhneil is làn blàiths
Chan eil àite nas fheàrr do dhuine bhith ’fàs.

Làithean m’ òige ’s mi siubhal nam beann
Is greim agam air làmh mo pheathar gu teann
A’ sealg shligean agus a’ reic bho mo ‘bhùth’
Ge bith an e cat a bha dhìth ort, no cù.

Latha Buidhe Bealltainn, is sinne nar ruith
Sìos chun a’ chladaich, a’ cluich san t-sruth
Ar bòtannan fliuch ach ar n-aodainn glan
Le dealt na maidne gar cumail slàn.

Tillidh mi dhachaigh chun Dùin aon latha
’S mi air a bhith air falbh fad bhliadhna no dhà
Gheibh mo chlann eòlas air sonas is sìth
Is bidh mise far a bheil còir agam a bhith.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media