Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Toll an Lochain

by Seonaidh Charity

Bha braon mìn air mo bhilean
a’ gabhail cheumannan cearbach
tarsainn aghaidh bhriste na Caillich,
is Sròn Goibhre gharbh.

Rinn mo chridhe èirigh le dòchas faoin na h-òige
is iomagain gheur na h-inbheachd:
an t-àite seo, aisling nam fichead bliadhna,
a riochd gus tighinn nam fhradharc.

Gun agam ach dealbh inntinn
air a tarraing le fathann is criomag sgeòil,
an Stalcair, nach maireann, mar theachdaire,
air meud is glòir an tuill.

Sheas sinn aig ceann an uillt,
an loch fhathast fo phlaide cheò.
Thionndaidh mi air mo shàil, cur cùl ri ceann-uidhe,
a ghabhail tiotan eile iongnaidh.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media