Puthaidean
by Marcas Mac an Tuairneir
Nuair a chunnaic mi air Instagram,
gur ann rim bheò,
a chailleamaid naochad
anns gach ceud puthaid,
bha mànran ceanalta san duan,
a lìon an inntinn nam chluais -
Òran uaigneach:
air a sheinn, o oir an aon chreige,
far an do chùm gnùisean
gun aithne dhomh,
ach tro leughadh ’s còmhradh,
am miann ris a’ ghaoith.
Òran tagraidh:
làn iarraidh sioft nan siantan,
ath-thoinneadh nan tonn,
a’ snìomhadh fodhpa, mar theip
is sin clàradh na h-aoise analogaich.
San là an-diugh,
thèid mo bhuaireadh le òrain gach là,
a nochdas a dh’aona-ghnothach
air inneal mo phòca - iad
a thàinig gun iarraidh, mar
trì nithean gnàthais-chainnt
a ghlèidheas sinn an tasglann didseatach,
fhad ’s a chrìonas an àrainneachd
dhan do bhuin iad.