Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Meas Neònach

by Fearghas MacFhionnlaigh

‘Strange Fruit’ – Abel Meeropol
air a sheinn le Billie Holiday air a’ chlàr ‘Lady Sings The Blues’, 1956

Craobhan mu Dheas le measan cho geur
Fuil air an duilleach ’s fuil aig a’ freumh
Cuirp dhubha luasgadh san deòthan a Deas
Measan geura crochte bho na crithinn san teas.

Tìr Chinn a Deas cho mòrail na dreach,
Na sùilean air at agus am beul na chreach,
Fàile magnòilia, milis is ùr,
Tòchd obann na feòla dòite gu smùr.

Seo dhut meas le feannagan spìont
Le gaoth gu bhith sùghte, agus drùidhte le sìd,
Lobhte le grian, leagt à craoibh gu làr,
Cho neònach ’s cho searbh am bàrr.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media