Innis Tìle
by Deborah Moffatt
Ann an Innis Tìle,
Ultima Thule, tìr nan iasg,
tìr nan dùl, chithear teine ag èirigh
às na beanntan, uisge teth a’ spùtadh
às an talamh, aibhnichean-deighe ghorma
a’ sìor ghluasad nan cadal meallta,
a’ sìor atharrachadh cruth na tìre
falaichte fodhpa.
Caochlaideach,
cugallach, dùileach:
sin an tìre, Innis Tìle,
agus sin do bheatha innte,
a bhith a’ feitheamh fad na thìde
ri cleas nan dùl – an talamh air crith,
a’ bheinn na teine, an deigh a’ leaghadh –
oir ’s iad na dùilean fhèin a bhios an dàn dhut.