Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Fògarraich

by Alistair Paul

Thuit am fear a-steach dhan tagsaidh aig Ishmael Hussein air a ghiùlan air caochan adhar tais fogharach Ghlaschu. Bhrag doras an tagsaidh air a chùl, a’ gearradh dheth gleadhraich na trafaige. Nuair a choimhead Ishmael san sgàthan aige, fhuair e sealladh air sgall air a chuairteachadh le nead de dh’fhalt peallach fliuch. Dh’èirich fàileadh milis searbh na dibhe às an daoine, a’ lìonadh taobh a-staigh a’ chàir. Bha Ishmael air fàs cleachdte ris an fhàileadh sin, ach cha robh aig 11 uairean sa mhadainn. Cha do thog an duine a cheann aomte is cha tàinig facal às. Rèitich Ishmael an sat-nav air an fhòn na chrochadair ri taobh na cuibhle-stiùiridh is gheàrr an seann Nissan Primera aige a-steach do dhòmhlachadh na trafaige ma thimcheall, mar iasg beag is e a’ leantainn air sgaoth mòr. Shàmh e a-mach is a-steach gu clis eadar busaichean is làraidhean. Bha na suathairean air beulaibh Ishmael ag obair gu luaineach, a’ toirt sealladh priobach dha air glaisead Ghlaschu a bha ceithir timcheall air – glaisead nan togalaichean, glaisead nan daoine is glaisead nan sgòthan os a chionn: glaisead a bha fhathast coimheach dha, às dèidh dha a bhith a’ gabhail còmhnaidh sa bhaile fad ochd mìosan.

Bha e air a dhol seachad air da sheata solais trafaig gun fhacal bhon phasaindear mus do leig Ishmael bhuaithe na faclan: ‘Drumgoyne Avenue, a bheil sin ceart?’

Cha tàinig facal bhon duine a bha fhathast na shlaod air an t-suidheachan deiridh. Chùm Ishmael air, gu ruige an ceann-uidhe a chaidh a shònrachadh dha is e an dòchas, aig a chàr às lugha, nach biodh aige ris an duine a thogail às a’ charbad aige an sin no gum biodh aig ri dìobhairt a nighe às na suidheachain aon uair eile. Nam faigheadh e pàigheadh gus nach fhaigheadh, b’ e sin ceist eile. Bha Ishmael dìreach air tionndadh sìos bho North Frederick Street a-steach gu Cathedral Street nuair a thàinig làmh throm an fhir air a chùl sìos air a ghualann. Chlis Ishmael is thionndaidh ris an duine. Fo shròin tharraingeadh air falbh an làmh. Thàinig gròcail bhon chùl.

“Dulich, duilich. Cha robh mi airson ur clisgeadh.”

Nuair a choimhead Ishmael san sgàthan, fhuair e sealladh air aogas plumach glastaidh an duine. Bha ceirlean dearga ma shùilean. Choinnich amharc ri clachan beaga drùidhteach a bh’ aig sùilean an duine. Choimhead e gun dàrna taobh.

“’S ann dìreach nach eil sin ceart,” thuirt an duine.

Bha na faclan aige nas coileanta na bha Ishmael an dùil is thàinig e a-steach air gur dòcha gun robh rudeigin a bharrachd air an deoch air.

“Dè?”

“Drumgoyne Avenue. Chan eil sin ceart.’

“’S e sin a th’ agam. Sin far a bheil sinn a’ dol.”

“Cha tèid agam air a dhol an sin.”

Gheàrr an Nissan aig Ishmael gu cruinn seachad air bus a dh’fhiar a-steach air a bheulaibh gu stad. Thàinig air a chas a shàthadh air a bhrèig on a bha an làraidh na stad an sin agus gus tionndadh far an rathad mhòr a bha a’ tighinn gu h-obann ra shealladh. Cha robh e an gnè Ishmael a bhith mì-mhodhail, ach bha an suidheachadh san robh e ga chur droil. Thionndaidh e ris an duine air a chùl.

“Feumaidh mi an t-slighe a chaidh a thoirt dhomh a leantainn,” spliathartaich e le mì-fhoighidinn na ghuth.

Gun freagairt an duine air a chùl, chùm Ishmael a’ dol. Bha e air a dhol fon M8 is e a’ gearradh sìos Hawthorn Street eadar teanamaintean ruadh is feansa àrd ionad ghnìomhachais Cowlairs nuair a thàinig lasgan bhon chùl.

“Inbhir Nis!”

“B’ àill leibh?”

“Inbhir Nis!”

“Inbhir dè?”

“Inbhir Nis, sin far an tèid mi. Sin an t-aon àite dhan tèid mi.”

Thoinn làmhan Ishmael gu frionasach air a’ chuibhle-stiùiridh.

“Sràid Inbhir Nis? Craobh-shràid Inbhir Nis?”

Le corragan a dhàrna làimh, bha Ishmael a’ strì ris an ainm choimheach a chur a-steach dhan aplacaid sat-nav aige is an làmh eile aige greimichte ris a’ chuibhle.

“Baile Inbhir Nis.”

Le sin gheàrr Ishmael far an rathad air cùl bhana Hermes a bha na stad an sin. Aig oir a shùla, rèitich e an t-slighe air a fòn aige. Thàinig gròcail ghrànda a-mach às a’ bhrèig-làimhe is Ishmael a’ tarraing air gu teann. Thionndaidh e ris an duine air a chùl.

“Tha sin ceud, ceithir fichead sa h-ochd mìltean gu leth air falbh bho seo.”

Gun fhios aige air na bu chòir dha a dhèanamh, dh’fhòn Ishmael a-steach dhan ionad-stiùiridh aige. Dh’èirich torman ghuthan sradagach fad tamaill aig an toiseach. Thionndaidh e ris a’ phasaindear aige às ùr.

“Thèid agam air sin a dhèanamh, ach feumaidh sibh pàigheadh an toiseach.”

Rùraich an duine gu cearbach na phòcaid-bhroillich. An ceann ùine is a-mach à doimhneachd a sheacaid lorcaich mhì-sgiobalta, dh’èirich an duine màileid-phòca shnasail sgiobalta. Thilg an duine fosgailte i air a shliasaid, a’ toirt am follais sreath de chairtean creideis is trusan tiugh de nòtaichean a bha air am filleadh gu cuimir a-steach dhan phòcaid, air an cùl. Ar rèir fianais a sporain, cha b’ e seo fear a bha gann de stòras. Tharraing Ishmael an t-inneal chairt-chreideis aige a-mach às an t-seotal fon deas-bhòrd is às dèidh dha na fiogairean ceart a bhrùthadh a-steach ann, thabhainn e air an duine, a bha a’ strì ri cairt fhaighinn às a' mhàileid-phòca aige.

“An urrainn dhomh?” thuirt Ishmael is le aon ghluasad ealamh, spìon e a’ chairt a-mach is smèid e thar an inneil i.

Phut e a’ chairt air ais dhan mhàileid-phòca is le aon ghlùin air an t-sèithear aige is e a’ crochadh a-steach dhan chùl, chuir e a’ mhàileid-phòca air ais ann am pòcaid an duine.

Chunnacas iasg beag gorm an Nissan aig Ishmeal a’ snàmh bho sheo tro alltan is leas-aibhnichean Allt an Fhuarain, seachad air iomall Roinn Goilf Littleton agus Pàirc Bhaile Rab Ruaidh agus a-nìos gu abhainn mhòr an M8. Mun àm a dh’fhiar e a-steach dhan t-sruth air cùl bus City Link, bha am phasaindear aige na shuain cadail aig a’ chùl is e a’ srannail gu plathach. Ged a bha an càr aig Ishmael na iasg clis am measg trafaig a’ bhaile, a’ gearradh a-mach is a-steach gu dàna eadar sreathan, b’ ann an seo a bha e taobh a-muigh àrainneachd dhualaiche is e a’ gluasad gu mall, cùramach le làraidhean is fiù ’s carabhanaichean a’ dol seachad air.

On a ràinig e Glaschu cha robh Ishmael a-riamh air a bhith taobh a-muigh crìochan a' bhaile. Nuair a bha e air sruthadh air falbh bhon M8 a-mach air an M80 is an rathad air socrachadh beagan, chuir e làmh a-steach gu pòcaid a bhriogais is thug e a-mach dà dhealbh a chàraich e air an t-sèithear ri thaobh. Thug e plathadh sìos orra is choimhead suas airson nan trì rudan às prìseil dha san t-saoghal. Bu sin a bhean ann an aon de na deilbh air latha am pòsaidh is na mìog-shùilean cruinn donn aice a’ coimhead suas air, beannag phurpaidh òir ghrinn ma ceann is pàtrain thoinnte henna air a làmhan sìnte roimhpe. Gach turas a laigheadh a shùil air an dealbh thigeadh an là sin air ais thuige, mar gum b’ e an là an dè a bh’ ann, na mnathan ri crònan is gusgal le poitean an fheusta air an cinn, cho math ri fàileadh a’ bhìdh, na fir is an ròbaichean geala umpa, air an cruinneachadh fon t-seann chraoibh acàisea aig meadhan a’ bhaile, leis a’ chlann ri cleasachd is spòrs is ag itealaich nan sgaothan mu na h-inbhich.

Bha a h-uile rud cho soilleir dathach. Ri a thaobh, san dealbh eile, bha an dà nighean aig Ishmael, is measgachadh de chleasachd is bàidh ri fhaicinn nan sùilean. Gach turas a laigheadh a shùilean-sa air an dealbh sin a-nis, b’ i a’ cheist a thigeadh thuige: ‘saoil, dè an coltas a bhiodh orra a-nis?’ is bliadhna air a dol seachad bhon là a thàinig air soraidh fhàgail aca. B’ iad na h-ìomhaighean sin acair do dh’Ishmael, greimichte ris a’ ghrunnd, a’ cur stad air bho bhith a’ falbh leis an t-sruth. B’ iad sin a thug dha adhbhar cumail a’ dol is dòchas ann, aon uair ’s gun rachadh aige air an obair-phàipeir a choileanadh is beagan airgid a chur mu seach, thigeadh iad còmhla a-rithist.

Bha an tagsaidh aig Ishmael air a dhol seachad air Peairt is a’ dlùthadh ri Baile Chloichridh mus do dhùisg am pasaindear aige le cnead. Rinn an duine suidhe an àird le clisgeadh.

“Feumaidh sinn stad,” ghrad-ghlaodh e.

Choimhead Ishmael mu thimcheall. Air oir an rathad bha bacadh-thubaist is, eadar sin is an tarmac, cha robh ann ach stiall thana feòir.

“Chan urrainn dhomh!”

“An sin!”

Chomharraich an duine claon rathad air am beulaibh.

Shlug an rathad sin an tagsaidh aig Ishmael sìos sgòrnan lùbach tarmac eadar craobhan àrda, gam fàgail air rathad dìreach, a ruith an co-shìneadh ri Uisge Teimheil. Gheàrr Ishmael a-steach an sin dhan chiad àite pàircidh a chunnaic e. Cha robh an càr aige fiù ’s air tighinn buileach gu stad nuair a theich an duine a-mach às an doras is seachad air a’ ghàrradh ri taobh an rathaid, le cruinn-leum. Ged nach fhaiceadh Ishmael ach ceann an duine is a chùl ris, chluinneadh e an steall farmadach a thàinig na chois is e a’ taomadh le neart air an fheur aig a chasan.

Thog Ishmael an dà dhealbh bhon t-sèithear, a dhinn e gu h-ealamh air ais dhan phòcaid aige is choimhead e air an dàrna taobh. Dh’fheith e agus dh'fheith e. Mu dheireadh thall, thug e sùil air ais, far am bu chòir dhan phasaindear aige a bhith, ach cha robh sgeul air. Shleamhnaich Ishmael fhèin thairis air suidheachan a’ phasaindear ri a thaobh, gus nach nochdadh e air beulaibh trafaig an rathaid is dh’fhalbh e bhon càr. Thug e fhèin grad leum a-nis thairis air a’ ghàrradh, ach cha d' fhuair e an sin ach bruach fheurach shleamhainn is bras sruth na h-aibhne an sin fòidhpe, gun sgeul air an duine. Cha tug e fada ’s e na sheasamh an sin na thuaineal gus an do dh’fhairich e an uisge fuar, a’ drùdhadh a-steach dhan na brògan-spòrs tana aige, bhon talamh bhog fòdhpa. Tro thorman socair an uisge, chluinneadh e cneadail. Thionndaidh e agus b’ ann an sin fhèin a bha am pasaidear aige, air a shlaodadh ris a’ ghàrradh is e a’ gal mar leanabh. Chlìob Ishmael air ais, sìos a’ bhruach, far an robh an duine.

“’S còir dhuinn cumail oirnn,” thuirt e.

Le sin chuir e làimh fo achlais an duine ga chuideachadh gu a chois is an uairsin thairis air a’ ghàrradh. Thuit an dithis a-steach dhan chàr is lean iad orra tro Baile Chloichridh is air ais, suas dhan A9. Bha na casan aig Ishmael a-nis bog fliuch. Chuir e air siostam teasachaidh a’ chàir aig àirde an oidhirp an tioramachadh, a’ cur trùman a’ ghaotharain ri burral an einnsein is grunnsgal nan làraidhean san dol seachad orra. Tron fharam, thàinig guth an duine sa chùl.

“Do-sheachanta, saoilidh mi. Mar a thachair. 'S fhada on a tha cùisean air a bhith a’ dol leis a’ bhruthach.”

Le teanga air fhuasgladh, thàinig na faclan nan steall a-nis, dìreach mar a thàinig am muin na bu thràithe, is na briathran a bha air a bhith ag ad na bhroinn, mar bhall teinne ag ad ann an bholcàno, ga losgadh air an taobh a-staigh, a’ spreidheadh às. Sna beagan mìltean a lean, fhuair Ishmael làn a sheanchais. Mun chonas nimheil a bha air a bhith ann an oidhche a-raoir, eadar esan is a bhean. Am b’ esan a choisich a-mach no am b’ ise a thilg a-mach e? Cha robh e soilleir, ach fhuair e fhèin ann an taigh charaid is bha iad air teannadh ri òl. A-mach an uairsin leotha gu taigh-seinnse is an uair sin gu club-oidhche. Dh’fhàs cùisean doilleir aig an ìre-se, ach bha cuimhne mhath aige air na léotardaichean bèin-liopaird, a bha air mnathan a’ phartaidh-chirce san deach iad an sàs. Ann an uairean beaga na maidne, bha a charaid air falbh le tè de na boireannaich, ga fhàgail na aonar. Bha e air dùsgadh air being ann an Stèisean-thrèanaichean Shràid na Banrighinn.

Às dèidh dha leumadh a-steach dhan tagsaidh, thàinig air ais thuige na rudan suarach a chaidh a ràdh aig àird na sabaide, an oidhche a-raoir. Cha robh dòigh a b’ urrainn dha dìreach a bhith a’ nochdadh air ais air an stairsnich is gach tàthag is cronachadh is casaid a chaidh èigheachd fhathast nan crochadh os a chionn. B’ e Inbhir Nis àite-àraich is màthair is bràthair dha fhathast a’ fuireach ann. Bha e air faighinn a-mach cho beag feum ’s a bha caraidean, nuair a bha feum aige orra. Aig deireadh gnothaich, b’ e dàimh teaghlaich an aon dàimh a b’ fhiach dha.

Bha sgoltaidhean air nochdadh sa chòmhdach thiugh de sgòthan os an cionn is colbhan solais a briseadh trompa, a’ soilleireachadh ruadh-duinne fhogharach nan slèibhtean aig astar is a’ cur lainnir air na h-altan a mhir tromhpa. Sna beanntan àrda aig cùl an t-seallaidh, bha brèidean sneachda air an crochadh an siud ’s an seo, am falachan nan coirean.

“Tha an dùthaich agaibh àlainn,” thuirt Ishmael.

“Cha robh fhios agam gun robh i cho bòidheach.”

Tharraing na faclan aig Ishmael an duine a-mach à breislich a smuaintean, tamall, is choimhead e mu thimcheall air.

“Tha. Tha sibh ceart.”

Lìon còisir meacanaigeach às ùr an clos a lean sa chòmhradh, clos a thug an dithis thairis air Druim Uachdair is a-steach am measg crainn giuthais is raointean farsaing Shrath Spè. Bha am Monadh Ruadh air faire is an Nissan aig Ishmael a’ gearradh eadar tobhta Thaigh Feachd Ruadhainn, na seasamh air a’ chnoc chruinn dhan dàrna taobh, is Baile Cheann a’ Ghiuthsaich na shìneadh fòdhpa, air an taobh eile, mus do chuir an duine crìoch air a sheanchas.

“Thèid agam air a bhith beò às a h-aonais. Bidh e duilich, ’s cinnteach, ach nì mi an gnothach air, mu dheireadh thall. Ach, ’s e mo mhac – cha tèid agam air a bhith dealaichte bhon rud as prìseil dhomh air an t-saoghal air fad.”

Clos a-rithist, thug iad seachad air an Aghaidh Mhòir is a-nìos gu ruige an slochd mus do bhruidhinn an duine a rithist.

“Dè dhèanadh tusa? Duilich... chan eil fhios agam dè an t-ainm a tha ort?”

“Ishmael.”

“Ishmael, dè dhèanadh tusa?”

Mheòraich Ishmael air a’ cheist fad ùine mhòir, mus tug e seachad a fhreagairt.

“’S chòir dhuibh ‘duilich’ a ràdh rithe. Mathanas iarraidh oirre.”

Rinn am pasaindear shuidh an àird is dhlùthaich e air Ishmael gus an do dh’fhairich e anail air cùl amhaich.

“Chan urrainn dhomh sin a dhèanamh. Cha do rinn mi dad a bha ceàrr. Chan eil aithreachas orm mu aon fhacal a thuirt mi. An fhìrinn a th’ agam.”

“Chan eil e gu diofar cò às coireach. Cha chosg am facal ‘duilich’ sgillinn dhuibh. ’S còir dhuibh ‘duilich’ a ràdh.”

Thuit an duine air ais san t-suidheachan aige gun smid aige. An ceann ùine, dh’èirich cruth Inbhir Nis bhon tarmac, air beulaibh Ishmael, is an Nissan a’ cromadh an rathaid roinnte dha ionnsaigh le Linne Mhoireabh is Drochaid Ceasaig air a chùl. Thug Ishmael sùil fhiar air an t-sat nav. Ghrad-amhairc e an duine san sgàthan.

“Tha sinn gus Inbhir Nis – an e sin ainm an àite? – tha sinn gus Inbhir Nis a ruighinn. A bheil seòladh agaibh? Cait an tèid sinn a-nis?”

Thug e sùil chlis eile air an t-sat nav.

“Tha sinn a' dlùthadh ri cearcall-rathaid.”

Phriob togalaichean Inbhir Nis orra bho chùl nan craobhan rin taobh is an cearcall-rathaid a' sìor dhèanamh orra. Dh’fheith am pasaidear gus an robh iad air an slighe a-steach dhan chearcall greimichte eadar dà làraidh tomadach, mus tug e seachad a fhreagairt.

“Thalla timcheall an cearcall-rathaid is tillidh sinn a Ghlaschu.”

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media