Càrn
by Marcas Mac an Tuairneir
Air d’ aire,
a chagair,
nan tigeadh tu
an comhair mo chùirn,
chaidh a thogail leis gach uile facal
a chuir an saoghal seo ’n chlò.
Òrain gaoil is in-ghabhaltais,
dàin rinn ciad iomradh ar seòrs’
is ’s ann air mo ghuailnean fhìn
a sheasadh mus faiceadh tu ’m bàrr.
Air d’ aire, a chagair,
nan leigeadh do ghòbhlag molag,
tha mo chàrn a-nis na bhalla,
a nì m’ àrachadh ’s mo dhìon,
is ged as tu an dùil gun seas mi
uaigneach seo na sgàil, ri mo thaobh
tha iad gun mhiadh do shlànair
a sheasadh fhathast mo chòir.