Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cùm Cuimhne Orm a Ghràidh

Gun urra, Albannach, 16mh linn

by Fearghas MacFhionnlaigh

Cùm cuimhne orm a ghràidh
Is iriosal mo chàil,
Chuirinn an cèill mo dhèidh gu lèir
Bhom chridhe dìleas slàn.
Mo chridhe sèimh
Am broinn do chlèibh,
Cùm cuimhne orm mo ghràidh.

Cùm cuimhne orm faraoir,
Leig seachad gach ascaoin,
Saoil annad fòs aon lasair bheò,
Sin fios an àigh is m’ aoibh.
Fìor ghaol gun deòir,
Mo lùig’ as mò,
Cùm cuimhne orm faraoir.

Cùm cuimhne orm nam chràdh,
Fo an-iochd ri uchd bàis,
Is ann mar bhuaidh do mhì-sgoinn cruaidh
A mhaireas annad fhathast.
Gabh truas, a luaidh;
Mo nuar, gu buan
Cùm cuimhne orm nam chràdh.

Cùm cuimhne orm mo ghràidh,
Bu tusa cùis mo chràidh,
Chaidh d’fhaclan faoin an sàs nam smaoin,
Mar leòintean domhain gun bhàidh;
Ach bidh mi a-chaoidh
Fìor agus caoin,
Cùm cuimhne orm mo ghràidh.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media