Club nam Balach is Cliché
by Marcas Mac an Tuairneir
Tha bhideo-ciùil ùr aig Skerryvore air nochdadh air-loidhne, fhad ’s a tha na gillean air chuairt san RA is gu h-eadar-nàiseanta, a’ dèanamh deagh job is a’ cumail cultar Albannach ri luchd-èisteachd ann. Leis an òran-shingilte ùr, ‘Eye of the Storm’ air thoiseach air a’ chlàr ùr Tempus, tha an còmhlan air a bhith a’ cluich le fuaimean nan 80an, a bha cuideachd ri chluinntinn aig Niteworks is seinneadair Gàidhlig eile, ron a’ shin, fad nam bliadhnaichean a dh’fhalbh. Ged as rud math rudeigin ùr-ish a chluinntinn aca, tha bàrdachd an òrain gu math lag, an coimeas ris sàr-thàlant an luchd-ciùil air fad. Làn cliché, chan eil mòran ri innse aig seinneadair Alec Dalglish ach ‘Into the unknown / Falling through the sky / Chasing down the dream / Looking in the eye of the storm’. ’S e bàrdachd puirt a chaidh a chluinntinn roimhe is mar sin, thathas airson tuilleadh den strì a tha an gealladh an tiotal-òrain.
Tha Tidelines air a bhith soirbheachail, cuideachd, o chionn ghoirid, a’ glèidheadh àireimh a trì-deug air cairt clàraidhean-chiùil na RA. ’S mor a’ bhuaidh sin do chòmhlan a tha air a’ chlàr ùr, An Ocean Full of Islands, a chur mu sgaoil gu neo-eisimeilach. Ach, am bàrdachd ‘These Days’ tha Raibeart MacDhonnchaidh ri crònan bodaich, agus an aon dramalaig tac-an-teine a-rithist, a’ caoineadh nan làithean a bh’ ann, ged a tha e fhathast gun fheusag. Mar chlàr bhriste, a-mach air solais nìtheoin is dealbhan Vetriano, chan eil na h-ìomhaighean seo air an gur gu feum, ach airson beagan dath a chumail ri sealladh bèis, gun stoidhle no susbaint.
Ged a tha Skerryvore air beagan iolrachd a thoirt air a’ chòmhlan, le Craig Espie, Alan Scobie is Jodie Bremaneson làimh ri bràithrean GillEasbaig Thiriodh, na làithean-sa, tha iad fhathast, cho math ri Tidelines, steigte sna h-80an a thug buaidh orra, gun bhoireannach ri fhaicinn nam measg. Nach biodh facal aca uile ri Skipinnish, Mànran is Dàimh, a rinn a’ chùis, mu dheireadh thall, air co-dhiù triùir bhan eatarra a lorg, gus beagan co-ionnanachd a’ chumail ris an t-seirm. Nam measg, ’s iad Skippinish a sgaoileas as motha brataich na co-ionnanachd, le bana-chluicheadair beus agus buill LGDTC. A thaobh càich, ’s seann-chleas bana-sheinneadair a chumail air thoiseach còmhlain, gus guth feimineach a chumail ris na h-òrain, ged as math taic a nochdadh ro thàlantan nam ban, san fharsaingeachd. Mar sin, mean air mhean, tha na còmhlain-ciùil seo air thoiseach air Skerryvore is Tidelines, an sàs ann an riochdachadh an là a th’ ann. Nam biodh Dalglish is MacDhonnchaidh deònach an leithid a dhèanamh, is dòcha gum biodh beagan bàrdachd smioralais aca ri seinn, ann an 2023.
↑