Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Càirdeas

by Deborah Moffatt

Is tusa an iarmailt,
caochlaideach, luaineach,

mise an talamh,
bunaiteach, daingeann,

tu a’ ghrian
a’ blàthachadh nan achadh,

mise an t-arbhar
gam ghrianadh fhèin nad sholas,    

tu an t-uisge
a’ fliuchadh na talmhainn,

mise an abhainn
a’ giùlan a’ bhùirn dhan mhuir,

tu a’ ghaoth
a’ sèideadh às gach àird,

mise a’ chraobh-beithe
a’ luasgadh anns an oiteig,

tu an sneachd
a’ cur  ’s a’ cathadh air na beanntan,

mise an t-eigh-shruth
nam laighe air mullach na beinne,

thu na rionnagan
a’ boillsgeach san speur,

mise a’ choinneal
a’ priobadh san uinneig,

thu a’ ghealach làn
air oidhche dhorcha fhuar,

mise an t-aodann bàn
dhen chluasaig fo do cheann.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media