Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cha Robh Gàidhlig Ann!

by Iain Stiùbhart Moireach

Air an àird a tuath,
chì mi Inbhir Lìte is Creag an t-Sionnaich;
ged nach robh Gàidhlig ann.

Air an àird an ear,
chì mi Inbhir Easg is Cùil Choinnich;
ged nach robh Gàidhlig ann.

Air an àird a deas,
chì mi An Druim, Am Bràghad is Creag an Tairbh,
ged nach robh Gàidhlig ann.

Air an àird an iar,
chì mi Dail MoThutha, Am Bail’ Àirneach is Dùn Deas,
Crois Thoirfinn is Tiobar-Linne;
ged nach robh Gàidhlig ann.

Chì mi ’n tìr is na h-uisgeachan is na h-aibhnichean.
Chì mi na lusan, na h-ainmhidhean is na beathaichean
’s chì mi na naoimh, na h-uaislean is a’ mhuinntir.

Mura robh Gàidhlig ann,
bha na Gàidheil balbh
agus na Goill bodhar.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media