An Sealladh
by Iain Stiùbhart Moireach
Chì mi Loch na Gàire na gaoithe.
Chì mi Stùc a’ Chròithean nam mart.
Chì mi Beinn na Còinnich nam maigheach.
Chì mi Beinn Artaich nam fuaran,
ri taobh an locha leathainn is rèidh.
Chì mi Sìth Chailleann na caillich,
far an d’ rinn an luchd-saidheans sgrùdadh.
Chì mi Beinn a’ Ghleò nan sgòth,
far an do chruinnich
a’ Bhaintighearna Mhoireach
sgeulachdan, òrain is bàrdachd.
Chì mi Beinn Labhar an fhàidh
far am bi na flùraichean dathail a’ fàs.
Chì mi Innis Chaluim na h-Abaid,
mar bàta air an Linne fhada, fharsaing;
’s a’ Ghàidhealtachd air astar,
agus tha i a’ cur a’ chianalais mòr orm.