An Cèir-Ìocan Dearg
by Fearghas MacFhionnlaigh
‘Red Viburnum’ – Pink Floyd
Den Òran Thraidiseanta Ucràineach
O chèir-ìocan dheirg anns a’ chluain ud air do chromadh sìos.
Coltas bròin air an Ucràin ghlòrmhoir, saoil gu dè is brìgh?
Togaidh sinn an cèir-ìocan dearg seo suas an àird
An uair sin a dh’Ucràin na glòire, nìthear iolach-aighear!
An uair sin a dh’Ucràin na glòire, nìthear iolach-aighear!