Am Briseadh
Lùnastal 2022
by Seonaidh Charity
Bidh an còmhradh sin nam chuimhne
gu bràth, a bhràthair bhig,
do ghuth, do chrith, do chainnt,
do spiorad fhèin a’ tuiteam
dhan t-sloc dhubh dhomhainn.
Na làmhan mòra ud, shuas mu do shùilean,
do mhala dearg, na deòir, na deòir.
Cha b’ urrainn dhomh ach coimhead –
do bhriathran is do ghluasad briste,
na drisean mud adhbrannan,
a’ greimeachadh air do chalpannan,
gad tharraing a-bhàn, na gathan goirte, geura,
a’ sàthadh is a’ sracadh luirgeannan rùisgte.
Ach, an siud, chuimhnich mi air latha eile,
air leathad na Seana Bhràigh,
an sneachda, cruaidh sleamhainn fo ar casan,
nuair a thuit mi le sgìths air mo dhà ghlùin,
is thionndaidh thu le gàire air d’ aodann,
toit nad bheul.
Thabhainn thu dhomh do làimh,
is tharraing thu mi dhan chàirn.