’S tu a tha air do mheadhan latha
by Eòghan Stiùbhart
’S ann air Àird MhicShimidh chanadh ris
nuair a bha fear aig bàrr na bheatha
gach beus gach buadh an òrdugh dha
is e eangach, greannmhor, gleusta
gach neart na dhòrn is toinisg annsan
is e tapaidh, sgairteil, maiseach
“’S tu a tha air do mheadhan latha”
is gu dearbh nuair a bhios a’ ghrian
fos cionn Fearna Mhaigh is Blàr nam Fèinne
far a bheil cnoc is bruaich is gàig ann
chan eil cliù no urram nas motha na sin
mar a bha thu fhèin nad àirde measg nan daoine
ach ’s iomadh bàrr, ’s iomadh buaidh,
’s iomadh grianadh aig iomadh uair
a tha an taic Bhràigh na h-Àirde
nuair as t-Earrach sheasar air an Leacainn
a’ faicinn èirigh is dol fodha na grèine
cuid air dòigh is a’ ghrian tro na sgòthan
mu shia feasgar a’ fosgladh uinneag Mhic Chuithein
cùl Bheinn a’ Bhathaich Àird fos Fharair
is cuid nan glòir am meadhan-samhraidh
is i na bile òir air Cabar Beinn Uabhais
Glas Leathad Mòr a’ deàrrsadh le lasair
mar èibhleag mhòr na creige-lathaich
’S mise a bha air mo dhà uair feasgar
air Creag a’ Chàirn a’ clìoraig conaisg
Dà uair feasgar geamhraidh Dùbhlachd
a’ fàradh bhuam air Creag Phàdraig
far an do thog mi mo shùilean airson cobhair
is a’ ghrian a’ cromadh ’s a’ crùnadh
an latha le solas tro chraobhan is ceòthar
is mi a’ gearradh cràdh às a’ choille shneachdach
is E a’ cur mo chasan air carraig chòmhnard
ach bha cuimhn’ ’am ort fhathast is do chall
nuair bha thu air do dhà uair sa mhadainn
is a dhìth ort eadarag is fear-coimhid