Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

‘Crisis’ dè an ‘Crisis’?

by Maoilios Caimbeul

A’ choimhearsnachd a’ crìonadh
’s an lìonra a’ fàs,
na Tweets ’dol am meud
’s an cèilidh ’dol bàs.

Comann-baile, no lìonra
air Teams agus Zoom?
A’ chainnt a’ fàs tana
’s gun bhlàths anns an rùm.

An t-slighe air adhart
dhan a’ Ghàidhlig san àm?
Lìonra farsaing caol tana
’s gun duine aig an fhaing.

An teine air a thasgadh
’s a’ chagailt gun fhàilt’,
na daoine air an sgapadh
an iomadh dùthaich is àit’.

An cànan a’ gluasad
gu saoghal air-loidhn’,
soraidh slàn comann-baile,
fàilt’ air smèideadh is soidhn’.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media