Seachran
by Calum L MacLeòid
leig leam
seasamh nas lugha
na dà mheatair bhuat
leig leam
do làmh salach
a ghabhail
leig leam
do mhasg thoirt dhiot
mo bhilean a chur
rid bheòil chunnartach
mo ghnùis
a’ fàs fliuch
le d’ anail
leig leam
mo lìonadh
leat