Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Marbhrann do Bhàrd

by Deborah Moffatt

Mar dhuilleagan seargte as t-fhoghar
sgaoilte thar na faiche,
tha na faclan uile agam nan laighe
sgapte thar an làir,
faclan caithte, crìonte, gun adhbhar, gun fhìu

Agus mar sheann àradh le rongan briste,
tha uidheaman mo cheàird –    
meataforan is ìomhaighean is briathrachas –
air an càrnadh suas
ri taobh a’ bhalla, gun fheum, salach le dust

Agus mar chuileig-bhig
glacte ann an lìon an damhain-allaidh,
tha mise air mo ribeadh
anns na sreathan cearbach ’s na faclan caillte  
de mo mharbhrann fhìn.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media