Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Fàilte

by Màiri NicGumaraid

Fàilte dhachaigh
Dhan na claisichean
Far an d’fhuaireas
Fuaraidhean nan geamhraidhean
A ribeagan nan clos
Far am faicear
Ceuman coigrich
Drùidheadh alltan fala
Mar shruthan cala
A dòigh beatha
Chnàmhaidh fhalaimh
Fàilte dhachaigh
Ma dhachaidh dhut

Fàilte dhan dùthaich
Mhnathan is fhearaibh
Lorgaibh cagailt
An tobhta mòintich cearaich
Piocan làimhe sìnt’
Coimheadaibh tharaibh
Sgrìoban làraich
Cuislean obair earraich
Mar fhianais bàis
Luchd fearainn
Chuireadh cridhe dhan àit’
Fàiltibh dhachaigh
Ma dhachaigh dhuibh

Fàilte dhachaigh
Dhan tìr bu mhìn
Bu mhìne aithne
Aimhreadh fo shuain
Siribh samhlas
Eòlais cheanail
Greimibh fiosradh coimheach
Is thoiribh a chreids’
Gum b’ e seo a bu dual
Mura b’ e a bu mhiann
’S nach b’ e call bhith ’n dìth coire
Fàilte dhachaigh
A dhìth dhachaigh brìgh

 

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media