Faclan air Chomhach
by Eòghan Stiùbhart
a-nochd mu chrìoch a’ bhaile
bha na speirichean cho glan
ri glainne as dèidh fìon-gheur
fàradh mòr air Iupatair is Sathairn
ged nach robh athair is mac
an gara dha chèile
mar bu ghnàth dhaibh
an Nollaig sa chaidh;
choisich mi tron oidhche
feadh lonaigean nam feadag
gu starsaig na coille
far an robh am firadan
a’ teàrnadh a-nuas na gaig
fos cionn na Pàirce Dhuibh
le Allt an Ionnlaid ro thioram
is e pollach gun driosg
a’ drùidheadh tro na pìoban
fo na taighean chun an Fhuarain;
feuch! chuala mi a’ chomhachag
is fuaim eile mar gun cuala mi
a’ ghrolag air meur a’ ghiuthais
air Creag a’ Chàirn a’ diosgail
no am mangan soithidh
a’ sporbhail le laicean na shùilean
is e ri seolaid tron dorchadas
faiceallach ’s fuirearach
no dìreach Gàidhlig na h-Àirde
a’ cagairt air oiteagan
ag èirigh o chridhe na creige
mar bhuraras an uillt nuaidh