Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cuimhneachain air Ruaraidh MacThòmais is Dòmhnall MacAmhlaigh

by Anna Frater

Bha 2021 a’ comharrachadh ceud bliadhna bho rugadh am bàrd, Ruaraidh MacThòmais, agus tha e iomchaidh gum biomaid a’ toirt sùil air an dìleab a dh’fhàg an aon duine seo aig saoghal na Gàidhlig, gu h-àraidh a thaobh litreachas a’ chànain.

Rugadh MacThòmais ann an Steòrnabhagh ann an 1921, ach b’ ann am Pabail a fhuair e àrach, an dèidh dha athair, Seumas MacThòmais – a bha e fhèin na bhàrd – dreuchd Mhaighstir-sgoile Sgoil Phabail a ghabhail ann an 1922. Bhuineadh athair do Thunga agus a mhàthair do Cheòs, ach b’ e Rudhach a bh’ ann an Ruaraidh. Tha fiù mar a bhiodh e a’ sgrìobhadh ainm ag innse sin dhuinn: Ruaraidh, seach Ruairidh, a’ nochdadh fuaimneachadh an ainm ann an Gàidhlig an Rubha.

Bha e na shàr-sgoilear. Fhuair e fhoghlam ann an Sgoil Phabail, Sgoil MhicNeacail, agus Oilthighean Obar Dheathain, Cambridge agus Bangor anns a’ Chuimrigh. Bha e anns an RAF bho 1942-45, agus cha mhòr nach do rinneadh oifigear dheth, ach mar a dh’innis e fhèin sa phrògram telebhisein a chaidh a dhèanamh ma bheatha, Creachadh na Clàrsaich, cha do chòrd na freagairtean aige ris na daoine a bha ga cheasnachadh airson an dreuchd, nuair a chaidh e sìos a Shasainn airson agallamh. Thill e gu foghlam as dèidh a’ chogaidh, agus bha e a’ teagasg ann an Oilthigh Obar Dheathain, Oilthigh Dhùn Èideann agus Oilthigh Ghlaschu, mu dheireadh na Àrd-ollamh air Roinn na Ceiltis ann an Glaschu.

Mar bhàrd, mar sgoilear agus mar fhoillsichear, dh’fhaodadh a ràdh gun do rinn MacThòmais barrachd dhan Ghàidhlig san fhicheadamh linn na duine sam bith eile. Còmhla ri Fionnlagh I. MacDhòmhnaill, stèidhich e an ràitheachan Gairm ann an 1952, agus bho 1964 bha e leis fhèin mar fhear-deasachaidh agus mar cheannard air Gairm Publications. Tha e iongantach a bhith a’ smaoineachadh le seo gun tug e a-mach còrr is 150 iris den ràitheachan leis fhèin. Bha Gairm air leth cudromach a thaobh litreachas na Gàidhlig, oir cha b’ e iris a bha ga h-amas air sgoilearan na Gàidhlig a bh’ ann, ach air luchd-leughaidh na Gàidhlig, ge b’ e cò iad. Bha sin cudromach. Ged a bha lèirmheasan air leabhraichean agus sgrìobhadh sgoilearach a’ nochdadh ann, bha àite ann do naidheachdan beaga, naidheachdan nàiseanta agus eadar-nàiseanta, fealla-dhà, eachdraidh agus colbhan beachd, deilbh air an tarraing le làimh agus deilbh air an togail le camara, sgeulachdan agus bàrdachd sean agus ùr, a’ ciallachadh gun robh rudeigin anns gach àireimh dhan h-uile seòrsa leughadair. Bha e a’ dèanamh leughadh na Gàidhlig mar rud a bhuineadh dhan choimhearsnachd, agus chan ann dha luchd an fhoghlaim a-mhàin.

Eadar clò Ghairm, clò Oilthigh Ghlaschu agus clò Oilthigh Obar Dheathain, cho math ri Clò Chailleann, chuir MacThòmais mu ceud leabhar gu leth an clò. B’ e a stèidhich Comhairle nan Leabhraichean ann an 1968, b’ e fear-deasachaidh Scottish Gaelic Studies eadar 1962 agus 1976, agus bha e grunn bhliadhnachan mar cheannard air an Scottish Gaelic Texts Society. Tha e inntinneach – eagallach? – beachdachadh air càite am biodh sgrìobhadh agus foillseachadh na Gàidhlig anns an latha an-diugh, mura biodh an obair ionmholta a rinn MacThòmais.

Cha do stad e fhèin a sgrìobhadh nuair a leig e seachad a dhreuchd san oilthigh ann an 1991. Chùm e Gairm a’ dol gu 2002 (nuair a bha e fhèin 81 bliadhna a dh’aois), agus bha leabhraichean sgoilearach agus cruinneachaidhean de bhàrdachd a’ nochdadh gu faisg air deireadh a bheatha, leis a’ chruinneachadh mu dheireadh de bhàrdachd fhèin, Sùil air Fàire, ga fhoillseachadh ann an 2007.

Ach, ’s ann mar bhàrd as fheàrr a tha daoine eòlach air MacThòmais, agus chan eil teagamh sam bith gun tug an t-eilean dham buineadh e, Leòdhas, buaidh air a bhàrdachd agus air a dhòigh smaoineachaidh tro na bliadhnaichean.

Tha mi airson sùil a thoirt air na diofar seallaidhean den eilean a nochdas ann am bàrdachd MhicThòmais, agus na diofar dhòighean anns an tug e buaidh air, ge b’ ann a thaobh eachdraidh no cànan no cruth-tìre.

A’ tòiseachadh aig an toiseach, ma tha, leis a’ chruinneachadh aige, An Dealbh Briste, a chaidh fhoillseachadh ann an 1951. Anns a’ chiad dà rann den dàn ‘Fàgail Leòdhais, 1949’ , tha e a’ toirt iomradh air a bhith a’ fàgail air itealan agus a’ toirt dhuinn dealbh ùr den eilthireachd, seach a bhith a’ falbh air bàta. Os cionn an eilein chì e:

            Tràigh Thuilm dol n’ as lugha

            ’S a’ Chearc dol ’na h-isean…

Ach tha e an uairsin a’ beachdachadh air na faireachdainnean aige fhèin mun eilthireachd:

’S chan iarrainn-sa falbh as na fuireach,

Chan iarrainn-sa fuireach na falbh as,

Ach ghiùlan an tràigh dheth mi ’n uiridh.

Tha an sgaradh a tha seo a’ ruith tro bhàrdachd MhicThòmais. Aithneachadh air iarrtas nach gabh a choileanadh, ag iarraidh a bhith ann an Leòdhas, air a bhogadh anns an dualchas, ach aig an aon àm ag iarraidh a bhith ris an obair sgoilearachd, an obair foillseachaidh, na slighean nach robh comasach dha a leantainn ann an Leòdhas aig an àm sin. Mar a thuirt e ann an dàn eile, rinn e a dhachaidh ‘eadar dhà dhùthaich’.

A dh’aindeoin sin, bha cho cudromach ’s a bha am baile far an deach àrach dha follaiseach anns na comharran stiùiridh a thèid ainmeachadh na dhàin, agus ann an dàin leithid ‘Pabail’. ’S dòcha gu bheil ‘a’ churracag a’ ruith ’s a’ stad’ san dàn seo a’ riochdachadh inntinn fhèin, a’ ruith ’s a’ stad, a’ falbh ’s a’ fuireach, ach na ceangalan gan lagachadh, ge b’ oil leis.

‘S dòcha gur e ‘An Tobar’ an dàn as aithnichte a-mach as a’ chiad chruinneachaidh seo. An seo, tha MacThòmais a’ meòmhrachadh air dualchas agus eòlas a tha an ìmpis dol a-mach à bith, air na daoine aig an robh an fhiosrachadh a bha esan a’ sireadh, agus e a’ cleachdadh ìomhaigh làidir, a tha furasta ri thuigsinn, gus na smuaintean aige a chur an cèill: dualchas agus cànan nan Gàidheal air an riochdachadh le tobar a th’ air a thachdadh le raineach a tha ‘ga fhalach bho shireadh ’s bho rùintean, / ’s ga dhùnadh ’s ga dhùnadh.’ Cha mhòr nach eil an dàn seo na chumha do dhòigh beatha a bha a’ dol a-mach à sealladh, agus am bàrd a’ caoidh nan tobraichean-fiosrachaidh a chailleadh leis gach ginealach.

Anns an dàrna cruinneachadh de bhàrdachd, Eadar Samhradh is Foghar, a chaidh fhoillseachadh ann an 1967, tha MacThòmais a-rithist a’ cleachdadh àiteachan agus seallaidhean òige gus a theachdaireachd a chur an cèill. Anns an dàn fhada, ‘Mu Chrìochan Hòl’, tha e a’ beachdachadh air cho sìmplidh sa bha a bheatha na òige, agus a’ dèanamh coimeas eadar sin agus an duine a th’ ann a-nis, le bhith a’ dèanamh coimeas eadar na dh’ionnsaich e san seòmar-sgoile is na dh’ionnsaich e air a’ bhlàr a-muigh. Tha e a’ togail air obair a’ bhaile, agus mar a bha obair fhèin an cois gach ràithe, ach, a-nis:

            Chaidh Earrach ’s Samhradh ’nan aon latha buan,

            Foghar is Geamhradh suainte san aon oidhch;         

Tha cuimhne a’ bhalaich, a chuimhne air eilean agus air a sgìre fhèin, agus an dealachadh bhuapa ann an tìm agus ann an t-astar, fhathast ga bhuaireadh, mar a chì sinn ann an ‘Rathad an Rubha’; ach chanainn gur dòcha gur e an dàn, ‘Aig an Uinneig’, as grinne a chuireas na faireachdainnean aige mu bhith air falbh bhon eilean, agus mar a tha e daonnan air inntinn, ge b’ oil leis: ‘Teann ’s ga bheil an uinneag sin dùinte / thig boladh a-steach oirr’ gu cùbhraidh geur.

Mar a chithear anns ‘An Tobar’, bha meas is urram aig MacThòmais dha na daoine a bha mun cuairt air is e ag èirigh suas, agus tha seo a’ tighinn troimhe sa mharbhrann a rinn e dha ‘Mucka’ – Murdag Mhòr – a bhàsaich ann an 1957. Anns an ath chruinneachadh a thug MacThòmais a-mach, bha dealbh a cheart cho blàth ga thoirt dhuinn de phiuthar Murdaig, Cotrìona Mhòr, ‘gam chur ri uair a’ bhaile / leis a’ ghliocas sin / nach robh an eisimeil leabhraichean’. ‘S ann sa chruinneachadh seo cuideachd, An Rathad Cian, a tha Leòdhas mar chuspair do-sheachainte. Bho ‘Air Mòinteach Shuardail’ gu ‘Caitean air uachdar Loch Eiriosort‘, tha an t-eilean mar shamhla agus mar chuimhne a’ nochdadh a-rithist is a-rithist. ’S dòcha gur iad na dàin far a bheil e a’ bruidhinn ris an eilein, seach ma dheidhinn, as cumhachdaiche, ge tà; dàin leithid ‘Bùrn is mòine is coirc’’ agus ‘Dh’fhairich mi thu le mo chasan’, far a bheil e a’ strì ri ceangal a dhèanamh ris an eilein a-rithist: ‘le mo chasan rùisgte air fàd ri taobh na cagailt.’

Chì sinn anns a’ chruinneachadh seo cuideachd geur-chainnt MhicThòmais, agus an taobh spòrsail dheth, ged nach robh an spòrs an còmhnaidh ri fealla-dhà, mar a chithear ann an ‘Cuthag is Gocoman’:

            Hileabhag, hoileabhag, ho oro ì

            Chuir cuthag á nead m’ òige mi…

            Ciod e ’n t-ainm a bh’ air a’ chuthaig?

            Foghlam Beurla is cion-diutha…

Agus air an aon chuspair:

            Ceud blianna sa sgoil

            is sinn nar Gaidheil fhathast!

            Cò shaoileadh gum biodh an fhreumh cho righinn?

Tha ìoranas a’ nochdadh uair is uair, mar anns an earrann seo às an dàn ‘An Crann’:

            “’Se farmad a nì treabhadh” –

            feumaidh gun do dh’ fhalbh e

            ás a sgìre againn,

            tha a h-uile lota bàn am blianna.

Tha àbhachdas a’ nochdadh cuideachd, dìreach anns na deilbh a chruthaicheas e an inntinn an leughadair ann an dàin leithid ‘Leòdhas as t-samhradh’ agus ‘Dol a-null air a’ Bhràighe’.

Ann an Smeur an Dòchais, a chaidh fhoillseachadh ann an 1991, tha e a’ tilleadh a Leòdhas, ach a-nis tha e a’ gabhail ris nach eil an t-eilean a dh’fhàg esan, an t-eilean a tha e ag ionndrainn, ann tuilleadh. Chì sinn seo ann an ‘Ceòl’,  agus anns an rann mu dheireadh den dàn ‘Aig Cuirm-Ciùil Leòdhais ’s na Hearadh, 1987’, far a bheil e ag ràdh: ‘…chan eil ann, dhutsa, ach an seann òran, / is faileas.’

Chan eil Leòdhas mar chuspair a’ nochdadh cho tric ann am Meall Garbh, a chaidh fhoillseachadh ann an 1995, agus aire a’ bhàird barrachd air eachdraidh na h-Albainn, agus gu h-àraidh Siorrachd Pheairt, far an robh a dhachaigh aig aon àm, ged a tha iomradh air mar a tha ‘ceòl nan salm’ agus ‘preseantair Leòdhasach air an rèidio’ ga thoirt dhachaigh gu làithean òige.

Bha againn ri feitheamh gu 2007 airson an ath chruinneachadh de bhàrdachd MhicThòmais, an cruinneachadh mu dheireadh aige, Sùil air Fàire, agus e a’ tòiseachadh le earrainn air an tug e ‘Leòdhas a-rithist’. Faisg air 70 bliadhna bho dh’fhàg e, agus an t-eilean fhathast air inntinn. Anns na dàin a nochdas an seo, chanadh gu bheil e air gabhail ris nach eil Gàidhlig gu bhith maireann, beachd dhuilich dha-rìreabh dha fear a chur seachad a bheatha ann a bhith a strì gus a neartachadh agus a leasachadh.

Ann an ‘Àros nan Sean’, tha e a’ tòiseachadh leis an loidhne: ‘Chunnaic mi ’Ghàidhlig faisg air a’ bhàs’, agus e a’ toirt iomradh air sgìrean air Tìr-Mòr far an do thachair sin, ach a-nis, tha:

            tachdadh sa bhràighe

            is ciorram an ceòs,

            liota san teanga

            (mas teanga an tung),

            tràghadh an ùige

            is monbar am mùirneig

            ’s na cnàmhan gu bhith ris

            a-nis.

Chanainn gur anns a’ chruinneachadh sin a tha dàn cho brèagha de na rinn e, ‘Seann Daoimean’, far a bheil e ag innse dhuinn, ma thèid Gàidhlig a-mach à bith, na bhios air a chall na cois. Chanainn gur e daoimean a th’ anns an dàn fhèin, a tha a’ crìochnachadh leis na facail seo:

Nuair a dh’ fhalbhas ar cainnt

mar a dh’fhalbh an Laideann,

is mìltean eile,

mairidh beagan den mhìlse,

thig boillsgeadh den loinn

an-àird às an doimhne

gu uachdar na cuimhne

’s tro mhorghan tìme

is uaighean eachdraidh

thig corra lasair

bhon t-seann daoimean.

Biomaid an dòchas, san t-seagh seo, gun robh e ceàrr, agus gun cùm sinn oirnn a’ togail air na buin-stèidh a chruthaich e dhuinn, a thaobh sgoilearachd, a thaobh litreachais, agus gu h-àraidh a thaobh a bhith a’ toirt spèis agus urram dar dualchas fhèin.

Anna Frater

 

Do Dhòmhnall MacAmhlaigh nach maireann

Bidh mi ag ionndrainn do bhròn

a bha ionraic,

nach rachadh a bhreugnachadh,

nach mealladh am fasan.

 

Thuig thu

nach cuireadh càch

diù ann am fuamhairean do chridhe.

Dhiùlt thu an cur à àite.

 

Chunnaic thu gun robh do dhùthchas

a' sìoladh dhan mhòine,

gun dol às aig a’ ghaol

ach blasad na snighe seirbhe.

 

 

To the late Donald MacAulay

I miss your sadness

that was honest,

that did not look for comfort,

was unimpressed by fashion.

 

You understood

that the giants of your heart

went unnoticed by others.

You refused to replace them.

 

You saw your culture

was sinking in the peat,

and love had no escape

but to taste the bitter ooze.

 

  • Meg Bateman

 

Tùsan:

Bateman, Meg, Thomson, Derick Smith [Ruaraidh Mac Thòmais] anns an Oxford Dictionary of National Biography, 2016. https://doi.org/10.1093/ref:odnb/104990
BBC, Creachadh na Clàrsaich, 2000.
MacThòmais, Ruaraidh, Sùil air fàire, Acair, Steòrnabhagh, 2007.
MacThòmais, Ruaraidh, Meall Garbh, Gairm, Glaschu, 1995.
MacThòmais, Ruaraidh, Smeur an Dòchais, Canongate, Dùn Èideann, 1991.
Thomson, Derick S. An Dealbh Briste, Serif Books, Dùn Èideann 1951.
Thomson. Derick, Creachadh na Clàrsaich, MacDonald Publishers, Dùn Èideann, 1982.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media