Bliadhna ùr air fàire
by Alasdair Caimbeul
Muir mhìreanach, lainnireach, dhrithleannach, mhear
Le solas srianach, iom-sgarach a’ dannsa air feadh thonn is sgòth
A’ glasadh, a’ dubhadh is a’ dathadh adhar is fonn.
Eadar suailichean is sìantan siùbhlaidh tìm is neo-thìm
Na dh’fhalbh is na thig a’ luasgadh uachdar an uisge
Agus fodha an nì nach tuig sinn ach a tha nar cridhe.
Am boillsgeadh mar a chithear às dèidh stoirm
Ri fhaicinn air slios na beinne, ro gheal air a’ chreig
Mar chuimhneachan air na ghabh a’ bhliadhna na làmhan farsaing.
Làmhan copach nan anam a’ smèideadh am measg nan stuagh
Comharra bho dhoimhne dho-tuigsinn air nach ruig solas na grèine
Anns a bheil bruadar is brìgh a’ snàmh còmhla mus tig iad nar measg.
A’ seòladh gu bliadhn’ ùir, bàta-iasgaich le toradh na Callainne
Ar dòchas agus ar dàn air an gleidheadh sna clèibh a bheirear gu tìr le làimh an iasgair.