Bealltainn fo Sgàil Covid-19
by Efrem Jones
Am bliadhna,
Cha bhi teine air a’ chnoc
Cha danns’ mi ma thimcheall
Cha leum mi thairis
Chan fhairich mi a ghrìosan fodham
No bilean mo bhràmair a phògainn
An dèidh dannsa, fad na h-oidhche.
Am bliadhna, nam aonar,
Fosglaidh mi doras a’ chidsin
Leis an truinnsear bheag nam làimh
Làn de dh’fheòil airson a chur sìos
Faisg air an uinneag
Mar thabhartas an fhuatha
Airson beannachd a ghabhail bhuapa.
A-nochd,
Chuimhnich mi sgeul Pesach
Samhlaidhean nan Iùdhach
Airson Aingeal an Aoig
Gun sgiathadh e thairis nan taighean
Gun ùidh anns a’ chloinn aca
Sàbhailte nan suain.
’S dòcha gun tachair Pesach ùr an-diugh
Is nach tig a’ bhìoras a-nochd.