An Ubhal as Àirde (The Highest Apple)
An anthology of Scottish Gaelic literature
A Review by Ceitidh Chaimbeul
Air a dheasachadh le Wilson McLeod is Michael Newton (Francis Boutle)
Chuir an deicheamh leabhar den t-sreath ‘The Lesser Used Languages of Europe’ eachdraidh leantainneach de litreachais na Gàidhlig ri chèile, ga cumail romhainn uile gu lèir airson na ciad uarach, cha mhòr. Gu dearbh, tha cruinneachaidhean eachdraidheil air a bhith againn ron an seo, ach tha iad uile air a bhith air an stèidheachadh air measadh de dh’aon ghnè-sgrìobhaidh no a’ toirt sùil air litreachas linn air leth a-mhàin. Thug tiotal den leabhar seo orm cuimhneachadh air farsaingeachd, miann-adhartais agus soirbheachas – ’s e tuilleadas cudromach a th’ ann airson deasbadan mu litreachais na Gàidhlig fad nan linntean a dh’fhalbh is san àm ri teachd.
Tha e soilleir gur e deasbad mòr a fa-near dhuinn nan dèanamaid co-dhùnadh far an do thòisich litreachas na Gàidhlig agus tha mi cinnteach gu bheil feadhainn ann nach aontaicheadh leis a’ bhliadhna tòiseachaidh, 600AD, chionn ’s nach do nochd Gàidhlig na h-Alba mar chànan fa leth airson mìle bliadhna eile. Cha robh eòlas mòr agam air den aithris a tha seo. Chòrdadh e rium na pìosan tràtha seo fhaicinn ann an Gàidhlig an linn againne cuideachd, ri taobh nan dreachan tùsail agus na Beurla, gus am biodh tuigse nas fheàrr againn air a’ chiad linn de litreachas.
‘S e cualag a th’ ann dìreach pìos no dhà a thaghadh bhon raon iomchaidh de dh’ùghdaran is linntean. Chaidh Newton agus McLeod fìor mhath air, leis an tagh de phìosan le ceanglaichean ri beul-aithris is eachdraidh nan Gàidheal agus a’ cur cuideam air pìosan a tha aithnichte fad is farsaing. Tha sin ag adhbharachadh gu bheil feadhainn dhaibh caran ro-innseach (‘Eilean a’ Cheò’ le Màiri Mhòr nan Òran, mar eisimpleir) ach bidh an dàn mu dheireadh (‘Rùisgte’ by Marcas Mac an Tuairnear 2013) a’ sealltainn dhuinn dè cho fada bho ghnè-sgrìobhaidh thraidiseanta a tha litreachas na Gàidhlig air gluasad, gus cur stoidhle diofraichte air ar beulaibh.
Gheall an ro-ràdh iongnadh a chur a h-uile duine, ge b’ e de an ìre de eòlais aca air a’ chuspair. Chuireadh iongnadh orm-sa le ‘Deàn Cadalan Sàmhach’ ga chur às leth cuid ‘Gun Urra’! Sheinn mi an t-òran seo gach bliadhna aig Mòd Ionadail Loch Aillse san fharpais-òrain Iain MacMhurchaidh is le sin chaidh mi ann an cabhag dhan leabhar-liosta far an do lorg mi tòrr a bharrachd de leughadh is sgrùdadh. ’S e sin aon de na rudan as fheàrr den chruinneachadh seo – bidh e air barrachd rannsachaidh a bhrosnachadh a thaobh nan ùghdaran, theacsaichean agus linntean eachdraidh.
Tha rudeigin ann airson gach leughadair agus feumar aithneachadh cho ruigheachdail ’s a tha an cruinneachadh seo. Bidh aithris sa Bheurla cuide ris na h-eadar-theangaichean airson gach pìos – rud a tha a’ ciallachadh nach e leabhar ro sgoileireil no àrd-inntleachdail a th’ ann.
Tha McLeod agus Newton air deagh leabhar a dhèanamh, gu h-àraidh le raon-ùghdarrais a’ mhèinn-adhartais seo. Chaidh iad air cruinneachadh a chruthachadh a tha feumail, so-leughte agus inntinneach agus chuir iad slighe air dòigh tro litreachas na Gàidhlig, a bheir an leughadair bho thoiseach tòiseachaidh chun an latha an-diugh.
↑