Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Òran na Cille

by Marcas Mac an Tuairneir

Oir ’s a’ ghrian, a chì sinn ag èirigh gach là, a dh’èireas a-rèir A dh’àithne.
- Naomh Pàdraig

Coisich còmhla rium,
cas-rùisgte thar feamainn
is clachan na tràghad,  
gu comraich a’ chladaich.
 
Coisich còmhla rium,
a dh’ionnsaigh an fhearainn
is beannachd nad bhràghad
làn an dàin is an Dòmhnaich.

Cuir fàilt’ air ciùin’ an dorais,
barra-chaol chun a’ chorra.
Seachain manadh an donais,
eadar ballachan mo chille.  

Cuir cùl air cron na cruinne,
corra uair rèir na tìde.
Dèan ann faire na grèine,
’s i air laighe chun an iar.
 
Coisich còmhla rium,
thar cabhsair ar cinnidh
is claisean gach ceuma,
cuirt’ ann leis gach creideas.
 
Coisich còmhla rium,
o àgh Phort na h-Innse,
gu suaimhneas na cille,
làn caoimhneas na caime.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media