Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Deasaiche na Gàidhlig

by Marcas Mac an Tuairneir

Tha e na urram a bhith a’ sgrìobhadh thugaibh, bhon taigh ann an Dùn Èideann, air feasgar brèagha fogharach. Tha e na urram, cuideachd, a bhith a’ gabhail thairis dreuchd deasaiche na Gàidhlig airson Northwords Now agus Tuath. Le seo, tha mi a’ gabhail ris an dùbhlan, ach ga fhaicinn mar chothrom an sgrìobhadh co-aimsireil as fheàrr a th’ againn air saoghal na Gàidhlig a chumail romhaibh, le sùil air coimhearsnachdan aig tuath – air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean is Alba gu lèir.

’S ann le beagan iomagain a tha mi a’ leantainn ann an clais chliùitich Rody Gorman, a rinn obair ionmholta cor litreachas na Gàidhlig a dhìon, na dhreuchd mar dheasaiche na Gàidhlig den iris seo. Bu mhath leam taing a thoirt dha, gu pearsanta, airson duilleagan na Gàidhlig a chumail ann an deagh ìre. Mar an ceudna, tha mi a’ dèanamh fiughair na dàimhean a stèidhich e, eadar an iris is na sgrìobhadairean a chuireas thugainn an cuid saotharach, a neartachadh ach, cuideachd, le bhith a’ fosgladh na h-uinneige airson àile ùrar fhaireachdainn.

Mar sin, fhad ’s a tha mi daingeann agus gur àite a tha seo, far am faicear na sgrìobhadairean as motha a chòrdas rinn, tha mi buailteach cothrom na Fèinne a thoirt do sgrìobhadairean òga ùra is a thilleadh do dh’fhoillseachadh cuideachd. Tha an t-aonamh linn thar fhichead air iolrachd air leth a thoirt air litreachas na Gàidhlig agus tha sin na bhuannachd dhuinne aig Northwords Now. Mar sin, ma tha sgeulachdan agaibh ri innse, cuiribh thugam iad, feuch am faigh sinn dòigh taic a chumail ribh.

Bhiodh e caran àraid a bhith a’ nochdadh an-seo gun iomradh air mo chuid sgrìobhaidh cuideachd, chionn ’s gur ann mar Rody as aithnichear dar coimhearsnachd mi mar bhàrd cuideachd. Uime sin, bha mi airson sealladh a thoirt air pròiseact anns a bheil mi an sàs an dràsta – Òran na Cille – stèidhichte air dàn a choisinn duais farpais na Gàidhlig aig Fèis Leabhraichean Bhaile na h-Ùige. Chaidh eadar-theangachadh don Ghàidhlig Èireannaich is don Ghàidhlig Mhanannaich le Ben Ó Ceallaigh agus Custal y Lewin. Le seo, tha sinn a’ teannachadh dàimhean, cuideachd, eadar na trì nàiseanan Gàidhealach – rud as iomchaidh fhad ’s a tharraingeas sinn ceann-bhliadhna Chaluim Chille gu crìch.

Tha mi an dòchas gun còrd na dàin is na h-eadar-theangachaidhean seo ribh cho math is gun còrd a’ bhàrdachd eile, rosg is beatha-aisneis a th’ againn dhuibh, san àireamh seo.

Marcas Mac an Tuairneir

Dùn Èideann, An t-Samhain, 2021

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media