Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Rudan Do-chreidsinn a thachair

by Maoilios Caimbeul

Bha dùil agam gun robh mi air an stòiridh innse nuair a thàinig an leabhar Island Conversion a-mach ann an 2011. Ann an sin bha mi ag aithris mar a thàinig mi gu bhith nam Chrìosdaidh. A-nis, do dhuine sam bith a tha air smaoineachadh mu Chrìosdaidheachd, bidh fios aca gur e creideamh a th’ ann le stèidh os-nàdarra no ana-ghnàthach. Chan eil againn ach smaoineachadh air an aiseirigh. Ma tha an aiseirigh fìor, tha Crìosdaidheachd fìor. Sin aon de na h-adhbharan a tha daoine mar Richard Dawkins, Peter Atkins, Michael Shermer agus mòran eile cho mòr an aghaidh rud sam bith os-nàdarra. Tha iadsan a’ creidsinn nach eil rudan a’ tachairt a tha gu fìrinneach os-nàdarra. Chan eil ann an aithrisean mar sin ach mearachdan, mac-meanmna no fiù ’s breugan. Ma tha rudan os-nàdarra fìor tha e a’ dèanamh milleadh air an tuigse a th’ aca air an t-saoghal.

Tha sin a’ tighinn bhon chreideamh nach eil nì sam bith ann ach rudan faicsinneach no rudan a ghabhas tomhas. Tha sinn beò ann an saoghal nàdarra, dùinte far nach urrainn dad bhon taobh ‘a-muigh’ an t-saoghail seo buaidh a thoirt oirnn. Sin a bha mi fhìn a’ creidsinn gus an robh mi còrr agus leth-cheud bliadhna a dh’aois.

Thachair an uair sin na rudan a tha mi ag innse mu dheidhinn anns an leabhar a dh’ainmich mi. Bha bata crochte ris a’ bhalla agus thàinig e dhen tarraig grunn thursan gun duine faisg air. An rud a b’ annasaiche ’s e gun robh e mar gum biodh e a’ toirt teachdaireachd dhuinn airson na suidheachaidhean anns an robh sinn aig an àm. Thug na thachair leithid de bhuaidh orm agus gun robh mi a’ faireachdainn gum feumainn innse do dhaoine eile, oir nam shùilean-sa bha e a’ dearbhadh gun robh na bha daoine mar Dawkins ag ràdh ceàrr.

Thachair rudan ann an 2012 a thug barrachd dearbhaidh practaigeach dhomh gun robh an creideamh adhbharach seo (materialism) ceàrr. ’S ann mar seo a thachair. Mar a dh’innis mi san leabhar, chuir mi bòrd beag san lobaidh airson na thachair leis a’ bhata a chumail nam chuimhne agus airson urram a thoirt do Dhia air a shon. Air a’ bhòrd bha coinneal, dealbh Ìosa bho mharbhphaisg Thurin ann am frèam trom, calman geal agus ìomhaigh den òigh Muire. Air an 28mh latha den Chèitean bha mi a’ coiseachd seachad air a’ bhòrd nuair a thuit an dealbh de Ìosa bhon bhòrd chun an làir. Cha robh adhbhar sam bith dhi tuiteam. Bha mi mu thrì troighean air falbh bhon bhòrd.

Mionaid às dèidh sin sheirm am fòn. B’ e caraid dhomh a bh’ ann leis an robh mi an dùil a dhol a Romània san t-Sultain airson bàrdachd a leughadh. Bhruidhinn sinn air ais ’s air adhart mu dheidhinn dè bhiodh sinn a’ dèanamh. Cha do dh’innis mi dha gun do thuit an dealbh. Ach nuair a thàinig mi dhen fhòn shuidh mi fhìn agus Mairead agus ghabh sinn beachd air na thachair. Bha e na chlisgeadh mòr dhuinn gun do thuit an dealbh, gu h-àraidh dhomhsa. Nam biodh dad sam bith eile air tuiteam, cha bhiodh e cho dona. Ach dealbh Ìosa! Bha teachdaireachd aig an dealbh dhuinn, ach dè? Cho-dhùin sinn anns a’ mhionaid uarach sin nach deigheadh sinn a Romània. Bha mi air tiogaidean a’ phlèana a phàigheadh, ach a dh’aindeoin sin chuir sinn dheth an turas.

Bha e cho math gun do chuir. Cha robh Mairead air a bhith a’ faireachdainn gu math agus air an 28mh latha den Ògmhios fhuair i a-mach gun robh aillse stamaig oirre. Cha robh dòigh ann a b’ urrainn dhuinn a dhol a Romània. Ach cha b’ e sin deireadh sgeul na deilbh. Air a’ 5mh latha den Iuchar agus i iomagaineach mun naidheachd a fhuair bha i am beachd a dhol a cheannach thoiteanan ged nach robh i air smocadh airson bliadhnaichean mòra. Mar a bha i a’ dol a-mach seachad air a’ bhòrd, thuit an dealbh chun an làir. Ghabh i e mar rabhadh agus cha do cheannaich i toiteanan. Bha e cho math nach do cheannaich oir dh’fhoghlaim i nuair a fhuair i leigheas chemo gun tug e droch bhuaidh air a h-amhaich. Nam biodh i air a bhith a’ smocadh bhiodh e air a bhith ceud uair na bu mhiosa.

Thuit an dealbh turas eile, a-rithist mar gum biodh i a’ toirt rabhadh. (Ged nach b’ e an dealbh fhèin ach an cuspair a thug oirre gluasad.) Air an 13mh latha den Dàmhair, agus i gu math lag bho bhuaidh a’ chemo, chunnaic Mairead meacain lus a’ chrom-chinn sa phreasa agus smaoinich i gun deigheadh i gan cur, mar a b’ àbhaist dhi a bhith a’ dèanamh aig an àm sin den bhliadhna. Mar a bha i gan toirt a-mach às a’ phreasa, thuit an dealbh. Dh’fhàg i na meacain far an robh iad.

Gu fortanach dhise, bha an aillse aig a’ chiad ìre agus b’ urrainn dhi opairèisean fhaighinn a thug air falbh an aillse agus tha i air a bhith ceart gu leòr bhon uair sin. Ach a h-uile uair a thèid mi seachad air a’ bhòrd bidh e a’ toirt nam chuimhne na nithean iongantach a thachair ann an 2012. Nithean do-chreidsinn, ach nithean gu fìor a thachair.   

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media