Pluto
(An dèidh Masadonais Katica Kulavkova)
by Pàdraig Macaoidh
Seo mi, ma tha sibh gam aithneachadh, neo fiù ‘s mura h-eil,
a’ coimhead oirbh bho oir an rian-ghrèine,
mar gum b’ e aonaran a bh’ annam
a’ fuireach a-muigh rathad na mòintich
le prosbaig aig gach uinneag.
Canaidh sibh gu bheil mi ‘iomallach’
ach tha mi an teas-meadhan na neonitheachd agam fhìn,
Seo mi, cho ifrinneach ‘s a shaoileadh tu:
le mo bheanntan ’s mo raointean reòthte
’s mo bhrat meatain, naidhtreoidsein ‘s CO2.
Tha mi cho puinnseanta ri là samhraidh ann an Nis.
Cha tig ur solas faisg orm, ’s co-dhiù aon chas agam
ann an dorchadas bith-bhuanta.
Tha mi ag ràdh ‘bith-bhuanta’ ach
Fad’ on robh mi a’ tuigsinn tìde idir,
agus e air tighinn a-steach orm nach eil
mathaid cudromach ann an dòigh sam bith.
Tha mi nas tana na na Stàitean Aonaichte
ach tha còig gealaichean agam ’s mi ag iarraidh tuilleadh baby.
Tha mi a’ gabhail sùil air croit Aonghas Phrionns’.
Seo mi, a’ seinn ‘Teann a-nall ’s thoir dhomh do làmh’
ann an oisean taigh-seinnse àiteigin ann an Glaschu
ach ged a bha mi riamh coimhead orm fhìn mar mheall den òr
chan eil duine a’ toirt sùim dhomh.
O tha buannachdan ann a bhith neo-aithnichte,
a bhith beò air crìoch eadar dà ughdarras.
Aig a’ ghairm mu dheireadh thig mi sgrìob leam fhìn.