Cainnt na Creige
by Alasdair Caimbeul
A’ cur cùl ri aithghearrachd ar linne
A’ cur air dhìochuimhne faoineas, fulangas is fòirneart
Air chuairt eadar Loch Langaig is Loch Hàsco
Eadar Na Bideanan Geala is Na Cnocan Dubha
Air Leathad na Caillich
Air tilleadh gu daingneach ar dùthchais rè tiota
Balbhachd an àile: naomh agus nàdarra
Gar ceangal nar còmhlan, cho seasmhach ri Grianan nam Maighdeann
Cainnt na creige air ar feadh
Snaighte air an t-sliabh
Na freagair i, na clàr i, dìreach èist rithe
Agus gabh ceum