Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Àm-stòiridh

by Eòghan Stiùbhart

Nuair a thig an sgeul gu crìch
na lidean deireannach a’ teicheadh om bheul
mar sheinn nan eun aig laighe na grèine
’s e mo rùn gun dèan thu cadal sèimh seunt’
làn sholas leugach ’s bhruadaran mòra
a dh’fhàsas mar chraobhan le freumhan treun
’s iad pailt le meuran ’s duilleach a’ spreadhadh
’s geugan a’ sìneadh chun nan reultan
nan ceudan a’ nochdadh às d’ inntinn
a tha mar iarmailt gun smeuradh
’s nì thu ceum tron chruinne-chè ud
a’ buain mheasan gan cur sna speuran
le sìl on sgeul mhòr bhuan nach tig gu crìch

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media