Ìm
by Fearghas MacFhionnlaigh
Thog mi sèithear na aghaidh.
“Leig leatha!”, dh’èigh mi.
Thilg i leth-phunnd ime ris a cheann,
ach chaill i e agus bhuail an t-ìm air a’ bhalla.
Chaidh an togalach sin a leagail
o-chionn bliadhnaichean mòra a-nis.
Ach tha smàl na h-ime ud
fhathast air balla m’ inntinn.