Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Tobar Gun Chuman

by Fearghas MacFhionnlaigh

Air beulaibh uinneig mhòir, chìthear rìgh seang gun lèine
na shuidhe air sèithear chidsin gu h-àrd air muin bùird.
Na làimh aig fois tha ròs gun duilleagan mar shlat-rìoghail.

Sgoil-ealain a th’ ann, is dòcha, oir siod canabhas taghta
le Alberto Morocco air a’ bhalla, fonn drùidhteach Hey Jude,
sitrich eich ath-ioncholainnte Phòl Revìr air Highway 61.

Cha bhean na cruidhean ud air talamh cruaidh mo chridhe fòs,
oir chan eil annta dhomhs’ an-dràst ach mac-talla fad-às is fann,
nam faileasan dìomhain air tobar domhain gun fhuaim gun chuman.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media