Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Marbh-bheò

by Lodaidh Macfhiongain

Chan eil an comas agam a thuigsinn
do làthaireachd
rim thaobh dìreach an-dràst’

Bha thu ann nam bheatha gun fhiosta
triop às deaghaidh triop
ged gu coltach nach aithnich thu mi

Cho dlùth ri dlùth
Coltach ri Màiri, Banrigh nan Albannach
Is Ealasaid a h-Aon na Sasainne

’S na h-oghaichean,
a’ sgrìobhadh litrichean gu a chèile
ach chan fhaca tè seach tè gu bràth

is cha b’ urrainn do fiù ’s an gaol a bh’ ann
go domhain
stad a chur air a’ bhàs a bha ’dol a thighinn

air a’ chridhe mhòr,
air an fhadachd dhomhainn
air a’ mhiann a dhìth air sonas

chaidh an dithist againn an tìodhlacadh
taobh ri taobh
coltach ris an dà bhanrigh seo

gun a bhith a’ faicinn a chèile aonaichte a-mhàin,
marbh-bheò,
air taobh eile a’ mhiann

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media