Leum an Cat
by Fearghas MacFhionnlaigh
Leum an cat
cho àrd ris an uinneig —
rinn a’ chailleach trod rithe.
Leum an cat
cho àrd ris a’ mhullaich —
rinn an fhaoileag trod rithe.
Leum an cat
cho àrd ris an itealan —
rinn am poidhleat trod rithe.
Leum an cat
cho àrd ris a’ ghealaich —
rinn a’ ghealach lachan gàire