Famhan
by Deborah Moffatt
Tràth san t-Samhradh
nochd na dùcain anns a’ ghàrradh,
torranan beaga de thalamh dùbh
nan sreath anns an fheur,
na famhan rin saothair
a’ treabhadh shlighean ùra
falaichte nan tunailean dorcha,
a’ meudachadh an ranntair aca,
sinne nar tàmh,
glaiste nar taighean,
fad na làithean falamh,
a’ saothradh gun toradh,
gar dalladh fhèin
le doilleireachd an eu-dòchais,
na famhan a’ sìor tholladh fodhainn.
le gliceas an doille.