Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cò a sheinneas an t-altachadh-beatha?

by Lodaidh Macfhiongain

Cò a dh’fhaodadh a ràdhainn cò sinne ?
An seanchaidh, an sgeulaiche, an seòd?

Sinne a tha air stac nòis aig an robh tuigs’ air fhèin.
Nòs a tha sean, seasmhach, soganach.

Nuair a thig an luchd-coimhich air chèilidh
Gu dè an iùil, an linn, an fheallsanachd-mhaise a bhiodh gan stiùireadh?

Cò a leigeas a-staigh iad
Le an claon-bhreith gun fhiosta dhaibh,
Am bodach, a’ chailleach, a’ mhuime,
An t-oide, an t-eòlaiche, an tàilleabhachd na an t-òigear?

Air neo an e am bèibidh uile-làthaireach air ùr-bhreith
A’ coimhead airson comhart gun chùmhnant
Le a ghàirdean sìnt’ a-mach
A sheinneas riù?

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media