Banais Ghallta
by Deborah Moffatt
Sàr-bhanais a bh’ innte,
le pìobaire ’s uisge-beatha,
am ministear na fhèileadh bheag,
cuirm ’s ceòl ’s dannsa ann an loft an t-sabhail,
neul stùir a’ snìomh mu chasan nan dannsair,
uisge-beatha a’ dòrtadh air na clàran-ùrlair,
agus bha sabaid ann, mar bu chòir,
(cha robh banais riamh gun sabaid
bheag no mhòr), ’s deòir gu leòr
mun robh glasadh air an latha,
athair bean na bainnse air mhisg,
màthair fear na bainnse air a sàrachadh,
stuirc air an t-seann fhìdhlear
a bha ainmeil na linn, ’s e a’ cluich
air The White Heather Club, mas fhìor,
a’ chlann bheag a’ fàs cànranach,
am màthraichean a’ fàs diombach,
na deugairean a’ fàs mì-fhoighidneach
oir cha b’ e ach banais àbhaisteach
a bh’ innte, gun chleas-teine
no fuaran-teòclaid
mar a chunnaic iad air a’ bhogsa,
agus o! Am faca tu bean na bainnse
a gul ’s a’ gal air cùlaibh an t-sabhail?