An Aon Chuairteal
by Lodaidh Macfhiongain
Nuair a chì mi thu
Nad laighe a’ sin
Air a’ langasaid
Saoilidh mi gu bheil thu ann nad chiste
Beag, goirid, sgiobalta
Ach fhad ’s a choimhead mi ort
Chunnaic mi mi fhìn
Ann an aigne mo shùla
Nam chuingean-ceangail òige
Beag, goirid, sgiobalta
Dà dheireadh
An aon chuairteal
↑