Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Am Bìdeadh air Ais

by Maoilios Caimbeul

Am broc is an rodan,                    
am marmot ’s crogall,                    
iad a’ bìdeadh air ais;                    

an struth is a’ pheucag,                    
a h-uile creutair an cèidse,                
iad a’ bìdeadh air ais.                

Mar a dh’èirich an Wuhan,                
tha na beathaichean uile                
a’ bìdeadh air ais;                    

lagh na cruinne ag èigheach                
na cuir sinn an cèidse                
no bidh bìdeadh air ais.                

Le bhìorasan nimheil                                
bidh dragh ann is ribe                    
leis a’ bhìdeadh air ais.                    

Tha an saoghal dhuinn uile,                
mura bi, bidh a’ bhuil ann –             
mòr-bhìdeadh air ais.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media