Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

A’ Chuileag

by Màrtainn Mac an t-Saoir

B’e a’ chuileag a ghlac m’ aire
ged a bha i cho beag
is gun aice ach i fhèin
na dannsa, na mire
os cionn a’ chuirp.

Samh chan fhaighinn
ach sin a’ chiad smaoin
nuair a leag mo shùil sìos
a dh’ ionnsaigh a ghobhail;
an e nach deach
a ghlanadh bho chaochail e
no ’n e gun do chac
e e fhèin ann an
saoghal nan neo-bheò,
a mhuinighinn air a trèigsinn
gun sgeul air athair no a mhàthair
- air holiday ’s dòcha –
is gun ann dheth-san ach
cnap fuar de dh’ fheòil
a ghrodadh is a leannraicheadh
mar an còrr
sgath mòr sam bith sònraichte mu dheidhinn a-nist
ach seach nach ann buileach ‘an dùil’
a bha a bhàs nach fhaodadh neach san t-sreath
a làmh a chur air a’ cholainn reòite rag sin agus a ràdh
‘Bha thu 88 a bhodaich; ach a-nist chan eil.’

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media