Sa Mhàrt
by Maoilios Caimbeul
An-diugh gun teagamh tha a’ bheinn
geal, Slioch le beagan ceò
agus sneachda an earraich
air a mullach, a’ ghrian a’ deàrrsadh,
’s an cuan gorm eadarainn
le strìochag mhòr liath air
’s gun fhios againn dè idir
a tha fon uachdar, dè na spògan
a tha spùinneadh sa ghrunnd.
An-diugh gun teagamh tha na beanntan
geal, ann an crò càirdeil
ach cluinnear fada air falbh
donnalaich nan con lùthmhor
a’ cur an fhèidh ann an cunnart,
am fiadh geal ionraic gun chron.